Sgeama an FhiosrachaidhTha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh a bhith fosgailte is fosgarra na chuid obrach agus foillsichidh sinn fiosrachadh a tha freagarrach a thaobh Achd Saorsa an Fhiosrachaidh nuair a dh’iarrar oirnn. Bidh sinn fhìn cuideachd a' foillseachadh fiosrachadh gun iarraidh a tha sinn a' smaoineachadh bu chòir a bhith ri fhaotainn.Achd Saorsa an FhiosrachaidhTha Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 a' ciallachadh gum faod duine sam bith fiosrachadh clàraichte fhaighinn bho na buidhnean poblach ann an Alba nuair a dh'iarras iad e orra agus tha Coimiseanair, Caomhain Dunion, ann a tha dèanamh cinnteach gu bheil seo a' tachairt. Fon Achd, feumar fiosrachadh a bhith ri fhaotainn aig buidhnean poblach mu lìbhrigeadh, cosgais agus càileachd na seirbheis aca; feumar dearbh fhiosrachadh a bhith ri fhaotainn agus fiosrachadh air mar a thàinigear gu co-dhùnaidhean, agus na h-adhbharan air cùl nan co-dhùnaidhean aca. Tha cuid a dh'fhiosrachadh ann, fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh agus fo laghan eile, nach fhaod no nach fheum buidhnean poblach fhoillseachadh. Tha seo a' gabhail a-staigh fiosrachadh a tha a' buntainn ri tèarainteachd na dùthcha, rannsachaidhean poileis, agus cùisean a tha co-cheangailte ri bhith cruthachadh phoileasaidhean an Riaghaltais. Tha reachdas co-cheangailte ri fiosrachadh coimeirsealta agus pearsanta cuideachd a' tighinn a-staigh air a' ghnothaich. |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |