Buill a' BhùirdAig a' cheart àm, tha deichnear bhall agus Cathraiche Eadar-amail air a' Bhòrd. Anns a' chumantas bidh buill air a' Bhòrd rè trì bliadhna agus às dèidh sin tha taghadh eile ann airson Bòrd ùr far am faod buill a th' air a' Bhòrd mu thràth iad fhèin a chur air adhart a-rithist. Thèid am Bòrd a thaghadh a rèir nam molaidhean aig Comataidh Nolan. Art MacCarmaig - Cathraiche Eadar-amailTha cliù nach beag aig Art MacCarmaig mar sheinneadair Gàidhlig agus tha e na Cheannard air Fèisean nan Gàidheal. Bha e na bhall de Chomhairle Ealain na h-Alba agus tha e air a bhith ag obair sna h-ealain Ghàidhlig agus a' cur ri leasachadh na Gàidhlig fad iomadach bliadhna. Bha e cuideachd an sàs ann a bhith stèidheachadh a' chompanaidh chlàraidh Ghàidhlig Macmeanmna agus ann a bhith stèidheachadh Àros Earranta, companaidh air an robh e na Chathraiche fad 13 bliadhna. Clàr Uidhean. Rob Dunbar'S e òraidiche a th' anns an Dr Dunbar sna roinnean Lagha is Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain agus tha e na bhall de Bhòrd MG Alba. 'S ann à Canada a tha Dr Dunbar bho thùs agus tha e na eòlaiche air lagh eadar-nàiseanta agus mar a dhèiligear ri mion-chànanan fon lagh sin. Tha e air grunn aistidhean fhoillseachadh air dealbhachadh cànain agus air suidheachadh nam mion-chànanan fo lagh eadar-nàiseanta agus fo lagh dhùthchannan fa leth. Clàr Uidhean. Dr Mìcheal Foxley'S e dotair teaghlaich a th' ann an Dr Foxley ann an sgìre Loch Abar far a bheil e a' fuireach. 'S ann do sgìre a' Ghearastain is Àird nam Murchan a tha e na chomhairliche agus tha air a bhith strì às leth na Gàidhlig grunn math bhliadhnaichean. Tha e na bhall air a' Chomataidh Gàidhlig agus air a' Chomataidh Foghlam, Cultar agus Spòrs aig Comhairle na Gàidhealtachd. Clàr Uidhean. Iain Aonghas MacAoidh, OBETha Mgr MacAoidh na Chathraiche air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, agus tha e na bhall air bòrd Ionad Ealain an Lanntair. Tha e air a bhith ag obair ann an leasachadh na Gàidhlig agus craoladh bho 1985, aig amannan na Cheannard air Comunn na Gàidhlig, na Chathraiche aig Sabhal Mòr Ostaig, Urras Trèanaidh Telebhisean Gàidhlig agus Colmcille; agus Stiùiriche Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Clàr Uidhean. Alasdair MacLeòid'S e Oifigear Poileasaidh Gàidhlig agus Leas-oifigear Conaltraidh aig Comhairle nan Eilean Siar a th' ann am Mgr MacLeòid. Bha e na Cheannard bun-sgoile fad 17 bliadhna agus tha e an-dràsta an sàs le iomadh iomairt coimhearsnachd. 'S ann às an Rubha ann an Leòdhas a tha Mgr MacLeòid. Clàr Uidhean.
Faye NicLeòid'S e neach-cunntais clàraichte a th' anns a' Bh-Uas NicLeòid le ceum ann an Gàidhlig. Thug i a-mach ceum le Urram bho Oilthigh Ghlaschu ann an Gàidhlig is Stiùireadh agus bha i na cathraiche air Comann Oiseanach an oilthigh. Tha i na neach-compàirt aig Caimbeul, Stiùbhart is MacIllinnein ann am Port Rìgh agus 's ann à Barraigh a tha i. Tron obair aice tha a' Bh-Uas NicLeòid a' cur seachad grunn làithean a h-uile mìos sna h-Eileanan an Iar. Clàr Uidhean. Anna NicSuain'S e Ceannard na Gàidhlig aig Colaiste a' Chaisteil a th' anns a' Bh-Uas NicSuain agus tha i na ball de Phanal Measaidh na Gàidhlig aig an SQA. Tha a' Bh-Uas NicSuain air a bhith ag obair air adhartachadh na Gàidhlig fad iomadh bliadhna 's i an sàs ann an caochladh bhuidhnean dha rèir. 'S ann à Nis ann an Leòdhas a tha i. Clàr Uidhean.
Cairistìona Allon’S e neach-labhairt fileanta sa Ghàidhlig a tha ann an Cairistìona Allon. Tha ceuman aice bho Oilthighean Dhùn Èideann, Napier agus Robert Gordon agus tha i na ball den RSA. Tha i air bhith ag obair ann an seirbheisean poblach airson 30 bliadhna, a' mhòr-chuid dhen ùine mar Neach-Comhairleachaidh Dhreuchdan anns a’ Ghàidhealtachd agus mar Cheannard air buidhnean iùl dhreuchdan anns an Ear Thuath. Ann an 2001 bha i air a taghadh airson buidheann-ghnìomha nàiseanta a chur air dhòigh airson cothlamadh dhe na gnìomhan agus luchd-obrach de còrr is 60 seirbheisean dhreuchdan, com-pàirteachasan ghnothachasan foghlaim, lìonraidhean iùl inbhich agus com-pàirteachasan foghlam fad-beatha ionadail. Leis an seo bha Dreuchdan Alba air aithneachadh leis an OECD mar cheannard eadar-nàiseanta air raon an iùil. Leig Ms Allon seachad a dreuchd ann an ceannas ro-ionnleachdail mar Stiùiriche Dhreuchdan Alba o chionn ghoirid. Clàr Uidhean. Alexandra Jones’S e neach-stiùiridh de phlanadh ro-innleachdail aig Clèireachdas a' Cho-fhlaitheis a th’ ann an Alexandra Jones. Tha i air air a bhith mu thràth ann am Prògram Leasachaidh nan Dùthchannan Aonaichte (Indonesia agus Nepal); na Ceannard air Stèidheachd Westminster airson Deamocrasaidh; na Leas-Stiùiriche air Stèidheachd a' Cho-fhlaitheis; agus aig Banca an t-Saoghail, agus McKinsky & Co. Tha ceuman maighsteir aice bho Oilthighean Harvard, Oxford agus Lunnainn, ann an cànain agus co-cheanglaichean eadar-nàiseanta. ’S e neach-labhairt fileanta Gàidhlig a th' innte, is i an sàs gu dealasach ann an ceòl Gàidhlig (leas-stiùiriche air Còisir Ghàidhlig Lunnainn, ball de chomataidh Chomunn nan Còisir, agus crìochnaiche Duais Òir a’ Mhòid). Clàr Uidhean.
Coinneach MacFhionghuinTha Coinneach MacFhionghuin air dusan prìomh sgrùdadh rannsachaidh a ghabhail os làimh bho thràth anns na 1970n air coimhearsnachd Ghàidhlig na h-Alba, gu h-ionadail agus gu nàiseanta (cho math ri sgrùdadh air luchd na Gàidhlig ann an Alba Nuadh). Tha e air iomadh sgrùdadh rannsachaidh a stiùireadh air coimhearsnachdan mion-chànain eile, agus tha e air mòran mion-sgrùdaidh deamografaigeach a dhèanamh air luchd na Gàidhlig anns na cunntasan-sluaigh mu dheireadh. An-dràsta tha e ag obair aig Oilthighean Obar Dheathain agus Hertfordshire, agus ’s e òraidiche pàirteachaidh aig an Oilthigh Fhosgailte ann an Sgrùdadh Shaidheansan Sòisealta, Foghlaim agus Cànain. Tha e air a bhith na bhall de Bhuidheann Chomhairleachaidh Mhinistreil na Gàidhlig agus na bhall agus na cho-chomhairliche aig Bòrd na Gàidhlig. Cuideachd, tha e air Comunn na Gàidhlig a chomhairleachadh cheana, agus o chionn ghoirid Pròiseact Plana Cànain nan Eilean an Iar. Tha Coinneach cuideachd na bhall air bòrd Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Clàr Uidhean. Murchadh MacIllFhinneinBha Murchadh MacIllFhinnein na Chathraiche air Com-pàirteachas Gnìomhachas agus Foghlam nan Eilean an Iar bho 1988-1998. Bha e na Chathraiche agus na bhall dhe Tighean Innse Gall, buidheann taigheadais nan Eilean an Iar, bho 1990-1998. ’S e Iar-Charaiche agus Stiùiriche air Bòrd Slàinte nan Eilean an Iar bho 1993-1998 agus na Cheannard bho 1998-2003 cuid dhe na dreuchdan poblach a tha air a bhith aige. Airson trì bliadhna bha e na bhall de Mhaoin Fearainn na h-Alba bho 2000. An-dràsta tha e na Stiùiriche air Croitearan Leòdhais Earranta agus na Choimiseanair dha h-Ughdarras nan Croitearan. Tha Mgr MacIllFhinnein na Riaghladair air Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd, Urrasair dhe Taigh-Cùraim agus Taigh-Eiridinn Bethesda, na bhall de Chomataidh Agartasan Luachaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (Eileanan an Iar) agus na bhall dhe Bunait Croitearachd na h-Alba. Clàr Uidhean. |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |