Toirt Fàs air Gàidhlig ann an Coimhearsnachdan
Dihaoine 12 Sultain 2008
Ionad Coimhearsnachd Bhreascleit, Eilean Leòdhais
A’ Cho-labhairt:
Beachdachaidh a’ cho-labhairt air na thathas a’ ciallachadh leis an teirm coimhearsnachd na Gàidhlig ann an co-theacs Alba an latha-an-diugh; dè na gnìomhan a tha a dhìth gus ath-bheothachadh a thoirt air a’ Ghàidhlig anns na sgìrean thraidiseanta far an robh i làidir agus dè an taic a tha a dhìth airson leasachaidhean cànain anns na coimhearsnachdan Gàidhlig.
Bheir a’ cho-labhairt sùil gheur air an òigridh a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig gu cunbhalach; dè a tha gam brosnachadh agus dè na dòighean as fheàrr gnothaich a dhèanamh ris an òigridh gus ro-innleachdan ath-bheothachaidh a chur air dòigh dhan Ghàidhlig.
Builean ris a bheil dùil:
• tuigse shoilleir fhaighinn air dè na ceumannan bu chòir a ghabhail gus a’ Ghàidhlig a neartachadh anns na coimhearsnachdan
• dè na prìomh amasan a bhiodh an cois iomairt cànain coimhearsnachd
• na ceumannan a dh’fhaodas ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach a ghabhail
• an dleastanas a dh’fhaodadh a bhith air Fòram Òigridh agus Ro-innleachd Òigridh ann an leasachadh cànain
• mar a dh’fhaodadh Stòras Dùbhlain bho Bhòrd na Gàidhlig a bhith air a chleachdadh gus taic a thoirt do dh’iomairtean beaga Gàidhlig anns na coimhearsnachdan
Cruth na Co-labhairt:
Bidh a’ cho-labhairt a’ leantainn structair cafaidh far am bi 8-10 riochdairean nan suidhe aig gach bòrd. Bidh còmhraidhean air an stiùireadh fo sgiath luchd-stiùiridh ainmichte, a bhios a’ leantainn brath-ullachaidh a chaidh a dhèanamh ro-làimh, agus ceistean ro-sgrìobhte. Nì gach buidheann cinnteach gun tèid na freagairtean aca a chlàradh agus gun tèid an toirt dha Rùnaire na Co-labhairt.
Bidh buidheann de 10-16 anns na clasaichean àrd-sgoile as sine an làthair airson seisean an fheasgair. Thathas an dùil gum bi na sgoilearan a’ tighinn bho Sgoil MhicNeacail (Steòrnabhagh), Sir E Scott (Na Hearadh), Sgoil Lionacleit (Uibhist), Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil (Barraigh) agus Àrd-sgoil Phort Rìgh (An t-Eilean Sgitheanach), ma bhios e comasach. Bidh CNAG a’ dèiligeadh ri còmhdhail agus stiùireadh nan sgoilearan.
Cànan na Co-labhairt:
’S ann tron Ghàidhlig a bhios a’ cho-labhairt ach bidh seirbheis eadar-theangachaidh ri faighinn far am bi sin a dhìth.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu:
Dolina NicLeòid, Sgioba na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar air 01851 703773.

