Colmcille
"A’ Ghàidhlig: Cànan bhrìoghmhor beò ann an Èirinn agus Alba"
Chaidh Colmcille a stèidheachadh ann an 1997 air a mhaoineachadh le Riaghaltasan Alba, Èireann a Tuath agus Phoblachd na h-Èireann le dleastanas a bhith a’ cruthachadh coimhearsnachd bheothail, cho-obrachail eadar Èirinn agus Alba.
Tha iad ag amas air seo a choileanadh ann an dà dhòigh:
-
a’ toirt tabhartas ionmhais do phròiseactan a tha a’ coileanadh ar n-amasan ro-innleachdail
-
a’ cur phròiseactan air dòigh a tha a’ tarraing aire dhaoine chun an dualchais choitchinn a tha aig Poblachd na h-Èireann, Èirinn a Tuath agus Alba.
Amasan Cholmcille
A’ brosnachadh a bhith a’ cleachdadh nan cànanan Gàidhlig – Gaeilge agus Gàidhlig na h-Alba – ann an agus eadar Èirinn agus Alba. A’ tarraing aire dhaoine chun an dualchais choitchinn – cànan is cultar – a th’ aig Èirinn a Tuath, Alba agus Poblachd na h-Èireann.
Co-fharpais Saoghal nan Gàidheal 2009
Tha cothrom aig farpaisich a bhith a’ glacadh suidheachaidhean agus gnothaichean eadar-dhealaichte ann an Saoghal nan Gàidheal, an Alba no an Eireann. Tha duaisan suas gu £2,000 rim faotainn san fharpais le cothrom dealbhan a thogail an dath no an dubh is geal, a’ sealltainn taobhan de bheatha luchd-labhairt is coimhearsnachdan na Gàidhlig ann an Alba no ann an Eireann. Tha còig duaisean ann gu h-iomlan:
Inbhich (16+)
A’ chiad duais: £2000 /€2200;
An Dàrna Duais £750/€ 850;
An Treas Duais £500/€ 565
Òigridh (fo aois 16 air 31/8/09)
A’ chiad dhuais: £ 500/€565:
An Dàrna duais: £ 250/€280.
Brùth an seo airson na riaghailtean a' leugadh.
Sgeama Thabhartasan & Sgoilearachdan
Tha Colmcille an-dràsta a’ sireadh bheachdan airson pròiseactan coimhearsnachd, cànain, ealain, foghlaim agus spòrs. Ma tha sibh airson iarrtas a chur a-steach, cuiribh fios sa chiad àite gu Oifigear Pròiseict na sgìre agaibh fèin.
Tha Colmcille cuideachd a' toirt seachad tabhartas airson luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson Gaeilge ionnsachadh, agus luchd-labhairt na Gaeilge a tha airson Gàidhlig ionnsachadh aig clasaichean sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig agus Ionad Chaluim Chille Ìle.
Airson Tuilleadh Fiosrachadh air Colmcille
Alba - Mairi S Mhoireach
Fòn: 07786134951
Post-d: mairi@colmcille.net
Éirinn - Maolcholaim Scott
Fòn: 02890890983
Post-d: maolcholaim@colmcille.net
Faicibh cuideachd:
Làrach lìn Colmcille: www.colmcille.net
Làrach lìn Foras na Gaeilge: www.gaeilge.ie



