kidspainting.jpg

Foghlam Gàidhlig

'S e prìomhachas a th' ann am Foghlam Gàidhlig do Bhòrd na Gàidhlig agus 's e aonan de na dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba agus do dhaoine eile mu Fhoghlam Gàidhlig. Tha e mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig Ro-innleachd Nàiseanta do dh'Fhoghlam Gàidhlig ullachadh.

Àireamhan

'S e foghlam aon de na roinnean far a bheil piseach nach beag air fhaicinn thar nam bliadhnaichean a dh'fhalbh agus tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh togail air an t-soirbheas seo. Tha àireamh nan sgoilearan a tha ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile air a dhol an àirde bho 24 ann an 1985 gu 2,092 sa bhliadhna sgoile 2006-2007. Sa bhliadhna sgoile 2006-2007 bha 293 sgoilear ann am foghlam tron Ghàidhlig aig ìre àrd-sgoile.  Ann an 60 sgoiltean-àraich aig na comhairlean, bha 701 pàiste sa bhliadhna sgoile 2006-2007.

Nuair a thig e chun na Gàidhlig mar chuspair bha 945 fileantach a' gabhail na Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil sa bhliadhna 2006-2007 agus 2,696 neach-ionnsachaidh ga gabhail san aon bhliadhna.

Tha an àireamh de dh'oileanaich ann am foghlam Gàidhlig no a tha dèanamh cùrsa Gàidhlig aig àrd-ìre air a dhol an àirde cuideachd: chaidh an àireamh de dh'oileanaich ann an colaistean is oilthighean na h-Alba a tha a' dèanamh chùrsaichean Gàidhlig an àirde bho 730 anns a' bhliadhna acadaimigeach 2003-2004 gu 1,200 ann an 2004-2005.

Foghlam Àrd-ìre is Inbhich

A bharrachd air foghlam sgoile agus ro-sgoile tha Foghlam aig Àrd-ìre gu math cudromach agus tha grunn chùrsaichean rim faotainn aig colaistean agus oilthighean na h-Alba far a bheil a' Ghàidhlig na pàirt dhiubh. Aig cuid a cholaistean gheibhear cùrsaichean a tha tro mheadhan na Gàidhlig air fad, mar Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach is Colaisde a' Chaisteil ann an Leòdhas. Cuideachd tha ceuman ann an Ceiltis is Gàidhlig aig Oilthighean Ghlaschu, Dhùn Èideann agus Obar Dheathain 's a' Ghàidhlig aig an cridhe. Tha cùrsaichean teagaisg ann mar a gheibhear aig Oilthigh Shrath Chluaidh far a bheilear a' trèanadh thidsearan Gàidhlig.

Tha pailteas chothroman ann ma tha inbheach ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh, 's buidhnean mar Chlì Gàidhlig gu mòr an sàs san obair seo. Tha gu leòr chùrsaichean fèin-theagaisg ann agus tha cùrsaichean aig astar ann, a bharrachd air grunn chlasaichean Gàidhlig air an ruith le diofar dhaoine ann an coimhearsnachdan.

Dùbhlan

Ged a tha soirbheas air a bhith ann a thaobh Foghlam Gàidhlig, tha obair mhòr fhathast ri dhèanamh. Tha duilgheadasan ann mar gainnead thidsearan, gu sònraichte a thaobh chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig sna h-àrd-sgoiltean, agus dìth stuthan teagaisg ann an cuid a raointean. Tha Riaghaltas na h-Alba air buidhnean-gnìomha a stèidheachadh gus coimhead air cuid de na duilgheadasan, ach tha fhios aig Bòrd na Gàidhlig gu bheil cunnart ann gun tèid Foghlam Gàidhlig a chuingealachadh mura faighear fuasgladh air cuid de na duilgheadasan seo. Leis an sin bithear a' togail air an t-sàr obair a tha air a dhèanamh mu thràth agus cha bu chòir dìochuimhneacheadh, mar a tha tòrr rannsachaidh air a dhearbhadh, gur e foghlam air leth a th' ann am foghlam dà-chànanach.