Ceistean Bitheanta
Carson a chuirinn mo chuid chloinne gu Foghlam Gàidhlig?
'S e cànan grinn is brìoghmhor a th' anns a' Ghàidhlig aig a bheil dualchas saidhbhir agus a tha làn chomasach air saoghal an latha an-diugh a chur an cèill. 'S ann dà-chànanach a tha a' mhòr-chuid de shluagh an t-saoghail agus tha rannsachadh air foghlam dà-chànanach a' sealltainn gu bheil clann le dà chànan sa chumantas nas fheàrr san sgoil na tha clann aig a bheil dìreach aon chànan. Tha Foghlam Gàidhlig a' fàs, agus tha barrachd is barrachd chothroman aig daoine a dhol an sàs ann.
Càite am faigh mi a-mach tuilleadh mu Fhoghlam Gàidhlig?
Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu Fhoghlam Ro-sgoile, 's e an rud as fheàrr bruidhinn ri Comhairle nan Sgoiltean Àraich no ris an ùghdarras ionadail agaibh sa chiad dol a-mach. 'S fheàirrde bruidhinn ri buidhinn mar Chomann nam Pàrant mu dheidhinn Foghlam Bun-sgoile is Àrd-sgoile sa chiad dol a-mach no ris an ùghdarras ionadail agaibh, no ri Bòrd na Gàidhlig fhèin. Mas e 's gu bheil sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu Fhoghlam Àrd-ìre 's fheàirrde bruidhinn ri cuid de na h-oilthighean is colaistean. Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu ionnsachadh mar inbheach cha bu mhiste dhuibh bruidhinn ri Clì Gàidhlig an toiseach.
A bheil aonad no sgoil Ghàidhlig no ionad ionnsachaidh faisg orm?
Bu choir dhuibh bruidhinn ris an ùghdarras ionadail agaibh a thaobh sgoiltean Gàidhlig, ach chithear an liosta as ùire de sgoiltean is aonadan Gàidhlig fo Foghlam Bun-sgoile is Foghlam Àrd-sgoile. Gheibhear fiosrachadh mu chothroman ionnsachaidh fo Ionnsachadh mar inbheach.
A bheil e gu diofar mura a h-eil Gàidhlig aig pàrantan sgoilearan Gàidhlig?
Chan eil seo gu diofar, anns an t-seagh gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil a' toirt na cloinne gu fileantas. Ge-tà, tha cuid de na buidhnean mar Comhairle nan Sgoiltean Àraich a' toirt taic do phàrantan a tha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh, agus tha e na bhuannachd ma tha Gàidhlig aig pàrantan, fiù 's beagan.
Càite am faigh mi tuilleadh fiosrachaidh mu bhith ag ionnsachadh mar inbheach?
'S e deagh thoiseach tòiseachaidh a bhiodh ann bruidhinn ri Clì Gàidhlig no tadhail air an làrach-lìn www.learn-gaelic.info. Tha colaistean mar Sabhal Mòr Ostaig a' ruith chùrsaichean goirid a bharrachd air cùrsaichean pàirt- is làn-thìde. Airson tuilleadh faicibh Ionnsachadh mar Inbheach.
An dèan foghlam sgoile Gàidhlig cron air Beurla mo chuid chloinne/phàiste?
Cha dèan idir. Tha cuid a rannsachadh a' sealltainn gu bheil sgoilearan Gàidhlig ann an clas 7 nas fheàrr air Beurla na sgoilearan Beurla: “Bha rannsachadh a rinn an t-Ionad Albannach airson Fiosrachadh air Teagasg Chànanan (IAFTC) ann an 1999 a' sealltainn gu robh a' chuibhreann chloinne FTMG a ràinig na cuimsean buannachd iomchaidh nàiseanta airson Gàidhlig aig P3, P5 agus P7 a rèir na bhathas ga shùileachadh anns an stiùireadh 5-14 airson na Gàidhlig. Bha e coltach cuideachd bhon aithisg nach robh bacadh orra, an coimeas ri sgoilearan meadhan-Beurla, ann am buannachd sa Bheurla aig P5 agus P7. Gu dearbh, bha e coltach gu robh sgoilearan FTMG aig P7 a' buannachd na b' fheàrr ann am Beurla na sgoilearan meadhan-Beurla.” (‘Leasachadh Coileanaidh ann an Gàidhlig', Luchd-Sgrùdaidh nan Sgoiltean 2005).

