Foghlam Àrd-ìre
Tha ceum ann an Ceiltis air a bhith ri fhaotainn aig na seann oilthighean ann an Alba fad iomadh bliadhna, agus tha cùrsaichean airson tidsearan Gàidhlig a thrèanadh air a bhith ann greis mhath cuideachd. A thaobh chùrsaichean chuspairean eile, a tha air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, 's e rud lethchar ùr a th' annta agus tha a' Cholaiste Ghàidhlig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach agus Colaisde a' Chaisteil ann an Leòdhas air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith leudachadh an t-seòrsa foghlaim seo.
Tha Bòrd na Gàidhlig a' cur cudrom air Foghlam Àrd-ìre mar a tha e a' cur cudrom air gach roinn eile de dh'fhoghlam Gàidhlig agus tha e riatanach gu bheil gu leòr chothroman aig Gàidheil òga foghlam Gàidhlig a leantainn às dèidh dhaibh an sgoil fhàgail. Ma tha sibh ag iarraidh a bhith ag ionnsachadh mu dhualchas is litreachas na Gàidhlig, no a bhith rannsachadh chùisean eile co-cheangailte ris a' Ghàidhlig, no bhith gur n-ullachadh fhèin airson dreuchd sna meadhanan, no bhith nur tidsear Gàidhlig, tha cùrsa freagarrach ann dhuibh ann am Foghlam Àrd-ìre na h-Alba. Bho chùrsa aon bhliadhna suas gu for-cheum, tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus mun Ghàidhlig ri fhaotainn ann am Foghlam Àrd-ìre.

