Foghlam Àrd-sgoileTha trì modhan foghlaim Gàidhlig sna h-àrd-sgoiltean: cuspairean air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig; a' Ghàidhlig mar chuspair air a teagasg do dh'fhileantaich; agus a' Ghàidhlig mar chuspair air a teagasg do luchd-ionnsachaidh. Tha a' Ghàidhlig mar chuspair (do dh'fhileantaich is do luchd-ionnsachaidh), 's deuchainnean aig deireadh gach cùrsa, rim faotainn sna h-àrd-sgoiltean aig an Ìre choitcheann, aig Access, Meadhan Ìre 1, Meadhan Ìre 2 agus aig Àrd-ìre agus Sàr Ìre. Tha grunn chuspairean eile air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig sna h-àrd-sgoiltean suas chun na h-ìre coitchinne, agus thathar an dùil gun leudaich seo gu Àrd-ìre is Sàr Ìre ri ùine. Faodaidh sgoilear an-dràsta deuchainn (nuair a thèid iarraidh) a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig ann an Cruinn-eòlas, Eachdraidh, Matamataig no Nuadh-eòlas aig an Ìre choitcheann.Mar a tha àireamh nan sgoilearan Gàidhlig sna bun-sgoiltean a' dol am meud 's ann a tha an t-iarrtas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sna àrd-sgoiltean a' fàs. Tha 293 sgoilear ann am foghlam tron Ghàidhlig ann an àrd-sgoiltean na h-Alba a rèir nam figearan as ùire (bliadhna sgoile 2006-2007) agus tha 945 fileantach agus 2,696 neach-ionnsachaidh a' gabhail Gàidhlig mar chuspair (2006-2007). Tha an leudachadh seo ann am foghlam tron Ghàidhlig a' ciallachadh gu bheil feum air tidsearan a tha comasach air cuspairean sònraichte a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean eile ag obair gus na tidsearan seo fhaighinn agus tha iad cuideachd a' dèanamh feum de theicneòlas ùr gus clasaichean àrd-sgoile ann an diofar chuspairean a lìbhrigeadh. 'S e aon de na siùil a thathar an dùil a chleachdadh Àrd-sgoil ‘bhrìgheil' a chleachdas teicneòlas ùr airson teagasg àrd-sgoile ann an diofar chuspairean a sgaoileadh air feadh Alba. Thathar a' cleachdadh an teicneolais ùir seo a-cheana 's tidsear san Spàinn a' teagasg Cruinn-eòlas do sgoilearan ann an Alba le clasaichean air-loidhne. Tha Riaghaltas na h-Alba is buidhnean eile cuideachd ag obair gus barrachd thidsearan a thàladh gu bhith teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig. Tha grunn chuspairean air an teagasg ann an àrd-sgoiltean na h-Alba tron Ghàidhlig, agus thathar an dùil gun leudaich seo le taic bhon Riaghaltas agus air sgàth iarrtais bho sgoilearan. |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |