Foghlam Bun-sgoileTha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile air a dhol am feabhas gu mòr bhon thòisich e sna 1980an agus tha 2,092 sgoilear sna bun-sgoiltean an-dràsta (2006-2007). Tha 62 aonadan is bun-sgoiltean Gàidhlig ann an Alba, agus tha còrr is 200 sgoilear (an àireamh as motha ann an Alba) ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a-mhàin. A thaobh na h-àireimh de sgoilearan anns gach bliadhna, 's e adhbhar misneachd gu bheil na h-àireamhan as motha eadar clas a h-aon is clas a ceithir a rèir nam figearan as ùire. Ged a tha a' chuid as motha de na h-aonadan is sgoiltean sna roinnean comhairle aig Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha feadhainn eile sna bailtean mòra ann an Alba aig deas agus san ear.A thaobh Luchd-sgrùdaidh nan Sgoiltean tha tòrr adhartais air a bhith ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig o chionn ghoirid. Thuirt Prìomh Àrd Neach-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim Graham Donaldson: “Rinneadh adhartas a' stèidheachadh dhòighean ionnsachaidh ‘bogaidh' gus an tog clann an uiread cànain ‘s as urrainn dhaibh ach a leigeas leotha an smuaintean a chur an cèill agus fàs misneachdail.” (‘Leasachadh Coileanaidh ann an Gàidhlig', 2005). Tha seo a' ciallachadh gum faod clann aig nach eil Gàidhlig tighinn gu bun-sgoil Ghàidhlig agus tha siostam ‘bogaidh' ann a bheir iad gu fileantas tron oideachadh aca. Ge-tà, thathar a' gabhail ris gu bheil feum air barrachd leudachaidh is leasachaidh ann am foghlam Gàidhlig sna bun-sgoiltean. Tha Bòrd na Gàidhlig ‘s buidhnean eile ag obair còmhla gus innleachdan a chur an gnìomh a sholairicheas barrachd thidsearan. Cuideachd tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a' cruthachadh barrachd is barrachd stuthan teagaisg do na bun-sgoiltean. Gach bliadhna tha barrachd ghoireasan ann, agus gach bliadhna tha an àireamh de sgoilearan Gàidhlig sna bun-sgoiltean air a dhol an àirde. |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |