Gàidhlig - Carson ?
'S i a' Ghàidhlig aon de chànanan nàiseanta na h-Alba, agus tha i a' toirt uinneag phrìseil air an t-saoghal nach fhaighear le cànan sam bith eile. Tha i cuideachd a' toirt cothrom dualchas eile a thuigsinn, agus nuair a tha an dàrna cànan agaibh, tha e nas fhasa an treas no an ceathramh a thogail.
A bharrachd air a bhith na dìleab chultarail phrìseil, faodaidh sibh bruidhinn ri grunn dhaoine ann an Alba is àiteachan eile sa chànan aca fhèin. Agus gu dearbh 's e spòrs a th' ann a bhith ag ionnsachadh cànan eile.
Tha càileachd air a dhearbhadh aig gach ìre de dh'Fhoghlam Gàidhlig agus tha teicneòlas an latha an-diugh ga chur gu feum gu mòr ann a bhith a' cur ris a' chàileachd seo agus ann a bhith a' toirt cothrom air Foghlam Gàidhlig do bharrachd is barrachd dhaoine. Tha goireasan foghlaim Gàidhlig a' sìor dhol am meud, agus fo Achd na Gàidhlig tha buidhnean poblach is ùghdarrasan ionadail a' toirt barrachd spèis dhan Ghàidhlig. Tha an Achd a' toirt seasmhachd reachdail dhan chànan nach robh riamh aice, agus air sgàth sin tha barrachd chòraichean aig luchd-labhairt na Gàidhlig agus barrachd chothroman.
Nuair a tha a' Ghàidhlig agaibh, tha barrachd chothroman obrach ann, oir tha gu leòr de dh'obraichean ann far a bheil a' Ghàidhlig riatanach no na buannachd. Eadar teagasg, na meadhanan, eadar-theangachadh, obair rianachd is oifis, na h-ealain is eile tha caochladh chothroman ann beòshlaint a dhèanamh tron Ghàidhlig. Agus ‘s e an t-adhbhar mu dheireadh: carson nach ionnsaich sibh? Oir ma tha a' Ghàidhlig agaibh tha sibh nur pàirt de shaoghal beothail, spòrsail a tha làn bheachdan is daoine bho air feadh an t-saoghail.

