GoireasanTha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a' dèanamh obair ionmholta ann a bhith cruthachadh stuthan teagaisg do na sgoiltean is do dh'inbhich, agus tha Gàidhlig Air-loidhne cuideachd a' cur ri goireasan luchd-teagaisg do na sgoiltean. Tha grunn math ghoireasan ionnsachaidh eile rim faotainn air an eadar-lìon agus ann an clò a tha diofar dhaoine is chompanaidhean foillseachaidh air a chruthachadh. Tha Bòrd na Gàidhlig ann an co-bhuinn ri buidhnean is daoine eile ag obair gus goireasan ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre a leudachadh.Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a' foillseachadh leabhraichean Gàidhlig do sgoiltean, nam measg tha: sgeulachdan is nobhailean beaga do chloinn, leabhraichean cùrsa airson cuspairean sònraichte, leabhraichean gràmair is cànain agus stuthan teagaisg ann am meadhanan eile. Tha iad cuideachd air stuth fhoillseachadh do phàrantan aig a bheil clann ann an aonad no sgoil Ghàidhlig. Tha taghadh math de stuthan teagaisg aig Gàidhlig Air-loidhne cuideachd a tha feumail do gach ìre de theagasg Gàidhlig sna sgoiltean. Chan ann tearc a tha na goireasan ionnsachaidh is foghlaim do dh'inbhich agus gheibhear grunn leabhraichean, agus gheibhear stuthan teagaisg air-loidhne. Tha cùrsaichean sònraichte do dh'inbhich ann, mar An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a tha air a lìbhrigeadh aig astar agus faodaidh daoine cùrsa Gàidhlig a dhèanamh aig caochladh ionadan ionnsachaidh. Ged a tha piseach air tighinn air goireasan foghlaim is ionnsachaidh, bu chòir sìor thogail air na goireasan seo air chor 's gum bi cothroman ann air foghlam is ionnsachadh Gàidhlig a tha tarraingeach is brìoghmhor. |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |