snakes_ladders.jpg

Teagasg

Tha grunn shlighean ann gu teagasg Gàidhlig:

  • cùrsa fo-cheumnach BEd a mhaireas ceithir bliadhna do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith teagasg ann am bun-sgoil Ghàidhlig;
  • cùrsa iar-cheumnach làn-ùine a mhaireas aon bhliadhna do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith teagasg ann am bun-sgoil Ghàidhlig;
  • cùrsa iar-cheumnach pàirt-ùine a mhaireas dà bhliadhna a tha air a lìbhrigeadh aig astar do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith teagasg ann am bun-sgoil Ghàidhlig;
  • cùrsa iar-cheumnach làn-ùine a mhaireas aon bhliadhna do dhaoine a tha ag iarraidh a' Ghàidhlig no cuspairean eile a theagasg tron Ghàidhlig ann an àrd-sgoil;
  • cùrsa iar-cheumnach pàirt-ùine a mhaireas dà bhliadhna a tha air a lìbhrigeadh aig astar do dhaoine a tha ag iarraidh a' Ghàidhlig a theagasg ann an àrd-sgoil.

Tha slighe eile ann do dhaoine a tha air an trèanadh mar thidsear bun-sgoile mu thràth agus a tha ag iarraidh a' Ghàidhlig a theagasg mar dhàrna cànan ann am bun-sgoil, agus ged a tha e na bhuannachd ma tha Gàidhlig agaibh, mura a h-eil sibh fileanta, thèid a' Ghàidhlig ionnsachadh dhuibh mar phàirt dhen trèanadh a gheibh sibh bhon chomhairle ionadail agaibh (chan eil a h-uile ùghdarras ionadail a' ruith an sgeama GLPS seo). Tha Oilthigh Obar Dheathain a' cur ris an sgeama seo le bhith tabhainn a' chiad cheum a dh'ionnsaigh a bhith teagasg Gàidhlig fon sgeama GLPS, tha iad a' cuideachadh oileanaich a tha nan luchd-ionnsachaidh air a' BhED aca (ma dh'iarrar) a bhith ag adhartachadh an cuid Gàidhlig.

Leis mar a tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a' leudachadh aig gach ìre, tha feum air tidsearan aig a bheil gibht is dealas, agus tha gu leòr de Ghàidheil òga a' cur ris an iomairt an cànan aca fhèin ionnsachadh do ghinealach ùr.

Tha sia prìomh roghainnean aig neach a tha ag iarraidh teagasg sa Ghàidhlig. Faodaidh sibh teagasg: tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoil-àraich, tro mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoil agus tro mheadhan na Gàidhlig ann an àrd-sgoil (cuspairean mar Cruinn-eòlas, Eachdraidh is mar sin adhart); agus faodaidh sibh Gàidhlig a theagasg mar dhàrna cànan ann am bun-sgoil, mar dhàrna cànan ann an àrd-sgoil, no Gàidhlig a theagasg do dh'fhileantaich ann an àrd-sgoil.

Tha grunn chùrsaichean (pàirt- is làn-thìde agus aig astar) ann do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith nan tidsearean agus tha làrach-lìn sònraichte ann anns a bheil stuthan teagaisg is fiosrachadh feumail do thidsearan – Gàidhlig Air-loidhne. Feumaidh teisteanasan sònraichte a bhith aig gach seòrsa tidseir agus chithear tuilleadh fiosrachaidh mun deidhinn agus mu theagasg Gàidhlig san fharsaingeachd fo Làraich-lìn fheumail.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chothroman teagasg Gàidhlig cuir fios chun Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use