TeagasgTha grunn shlighean ann gu teagasg Gàidhlig:
Tha slighe eile ann do dhaoine a tha air an trèanadh mar thidsear bun-sgoile mu thràth agus a tha ag iarraidh a' Ghàidhlig a theagasg mar dhàrna cànan ann am bun-sgoil, agus ged a tha e na bhuannachd ma tha Gàidhlig agaibh, mura a h-eil sibh fileanta, thèid a' Ghàidhlig ionnsachadh dhuibh mar phàirt dhen trèanadh a gheibh sibh bhon chomhairle ionadail agaibh (chan eil a h-uile ùghdarras ionadail a' ruith an sgeama GLPS seo). Tha Oilthigh Obar Dheathain a' cur ris an sgeama seo le bhith tabhainn a' chiad cheum a dh'ionnsaigh a bhith teagasg Gàidhlig fon sgeama GLPS, tha iad a' cuideachadh oileanaich a tha nan luchd-ionnsachaidh air a' BhED aca (ma dh'iarrar) a bhith ag adhartachadh an cuid Gàidhlig. Leis mar a tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a' leudachadh aig gach ìre, tha feum air tidsearan aig a bheil gibht is dealas, agus tha gu leòr de Ghàidheil òga a' cur ris an iomairt an cànan aca fhèin ionnsachadh do ghinealach ùr. Tha sia prìomh roghainnean aig neach a tha ag iarraidh teagasg sa Ghàidhlig. Faodaidh sibh teagasg: tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoil-àraich, tro mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoil agus tro mheadhan na Gàidhlig ann an àrd-sgoil (cuspairean mar Cruinn-eòlas, Eachdraidh is mar sin adhart); agus faodaidh sibh Gàidhlig a theagasg mar dhàrna cànan ann am bun-sgoil, mar dhàrna cànan ann an àrd-sgoil, no Gàidhlig a theagasg do dh'fhileantaich ann an àrd-sgoil. Tha grunn chùrsaichean (pàirt- is làn-thìde agus aig astar) ann do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith nan tidsearean agus tha làrach-lìn sònraichte ann anns a bheil stuthan teagaisg is fiosrachadh feumail do thidsearan – Gàidhlig Air-loidhne. Feumaidh teisteanasan sònraichte a bhith aig gach seòrsa tidseir agus chithear tuilleadh fiosrachaidh mun deidhinn agus mu theagasg Gàidhlig san fharsaingeachd fo Làraich-lìn fheumail. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chothroman teagasg Gàidhlig cuir fios chun Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg. |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |