Suaicheantas

Taic Freumhan Coimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig a' toirt taic do bhuidhnean airson pròiseactan a tha a' neartachadh na Gàidhlig anns a' choimhearsnachd, airson cuideachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh.  Tha maoin Taic Freumhan Coimhearsnachd ag amas air cuideachadh buidhnean air feadh Alba airson pròiseactan ùr-ghnathach a chur air adhart a bheir fàs air cleachdadh na Gàidhlig agus a neartaicheas misneachd sa chànan gu h-ionadail.

Cleachdaidh Bòrd na Gàidhlig a' mhaoin seo gus taic a chur ri pròiseactan a tha cuimsichte air a’ choimhearsnachd agus a bhios:

  • a' neartachadh togail agus cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh, no
  • a’ neartachadh togail agus cleachdadh na Gàidhlig am measg na h-òigridh, no
  • a’ neartachadh togail agus cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd

Tha Taic Freumhan Coimhearsnachd a' toirt prìomhachas do dh' iarrtasan bho bhuidhnean coimhearsnachd, buidhnean saor-thoileach, gnothachasan beaga agus buidhnean eile a tha ag iarraidh gnìomhachdan Gàidhlig a bhrosnachadh ann an coimhearsnachdan no lìonra. 

Tha an ceann-latha airson iarrtasan a chur a-steach am bliadhna-sa seachad a-nis. Bidh an ath chuairt a' fosgladh ann an 2010 agus bidh foirm-iarrtais agus fiosrachadh a bharrachd a' nochdadh air an duilleag seo an uair sin.

Bidh fiosrachadh mu dheidhinn na h-iarrtasan a fhuair taic ann an cuairt 2009-10 a' nochdadh an seo a dh'aithghearr.

Ma tha ceistean sam bith agaibh mu Thaic Freumhan Coimhearsnachd, cuiribh fios gu:

Bòrd na Gàidhlig
Darach
Fèith nan Clach
Inbhir Nis
IV2 7PA

Fòn:        01463 225454
Facs:       01463 716217
Post-d:   
tabhartas@bng.org.uk

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use