Gabh an Cothrom
Thèid iomairt ùr a cur air bog le Bòrd na Gàidhlig an t-seachdain-sa airson tidsearan ùra a thàladh do dh’fhoghlam Gàidhlig.
Nochdaidh an iomairt an toiseach ann an sgìrean Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd a’sanasachd:
So much tradition,
So much passion,
So much to learn.
Tidsearan le misneachd don ath-ghinealach.
Bidh an iomairt ga sanasachd air busaichean sa Ghàidhealtachd, bàtaichean is puirt Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn, ann an stèisean rèile Inbhir Nis agus tro na meadhanan. Thathar an dùil gun tog an iomairt seo aire do chothroman teagaisg Gàidhlig agus gun tig air barrachd dhaoine a chur a-steach air a shon no airson na cuspairean aca a theagasg tron Ghàidhlig.
Thuirt an t-Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg aig a’ Bhòrd, Angela NicIllebhràigh, gun robh feum mhòr air tidsearan Gàidhlig leis gun robh an iarrtas airson foghlam Gàidhlig a’ sìor fhàs:
“Tha barrachd is barrachd ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh ann an sgoiltean air feadh Alba agus tha sinn an dòchas an àireamh de thidsearan as urrainn an cànan a theagasg àrdachadh leis an iomairt seo.
“’S e àm glè shònraichte a tha seo is sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu agus ann an Inbhir Nis air fhosgladh agus am Bòrd air Ro-innleachd Nàiseanta Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh, agus tha e cudromach gun dèan sinn feum air na cothroman a th’ ann a-nisd.
“Tha an iomairt ùr seo beòthail agus tarraingeach agus tha sinn an dòchas gun toir e air daoine an cuid Gàidhlig a chur gu deagh fheum is a dhol a theagasg, agus gum faigh an ath-ghinealach buannachd às.
“Tha sinn an dòchas tro ùine agus an dèidh sgrùdadh a dhèanamh air a’ chiad cheum seo, gun tèid an iomairt a sanasachd air feadh Alba.”
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Fiona Hyslop:
“Tha dealas oirnn foghlam Gàidhlig a neartachadh is a leudachadh. Tha àite shònraichte aig tidsearan Gàidhlig ann a bhith a' cruthachadh suidheachadh buan don Ghàidhlig ann an Alba san àm ri teachd agus a' chànain fhàs airson na ginealaichean a tha ri thighinn. Tha an iomairt ùr seo airson luchd-teagaisg Gàidhlig a thrusadh a' togail air a' mhisneachd agus an ùidh a th' aig luchd-labhairt na Gàidhlig airson a' chànain agus airson leudachadh chothroman do dh'oileanaich òga gus ionnsachadh fhaotainn sa Ghàidhlig.”
* Tha 169 tidsear bun-sgoile a’ teagasg Gàidhlig do 2,092 sgoilear an Alba
* Tha 99 tidsear àrd-sgoile a’ teagasg Gàidhlig agus/neo cuspair tron Ghàidhlig do 3,640 sgoilear.
* Tha 14 ùghdarras ionadail an Alba a’ tairgsinn foghlam Gàidhlig aig ìre bun-sgoile is àrd-sgoile.
* Chaidh a’ chiad sgoil Ghàidhlig ann an Alba fhosgladh ann an Glaschu san Lùnastal 2006 agus chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis fhosgladh na bu thràithe sa bhliadhna-sa.
* Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd am measg a’ chiad ùghdarrasan poblach ann an Alba air an deach iarraidh Plana Gàidhlig a dheasachadh is a chur an gnìomh.

