Co-Labhairt Thidsearan Ura
Chùm Bòrd na Gàidhlig a' chiad Cho-labhairt do Thidsearan Ùra Gàidhlig san Taigh-òsta Menzies ann an Glaschu air an 18mh is 19mh den Ògmhios. Chuala bho chaochladh luchd-labhairt mu chuspairean leithid Prionnsabalan Bogadh Cànain, A' leudachadh Fileantas ann an Leughadh is Sgrìobhadh, Goireasan Teagaisg is Briathrachas agus Rianachd àrainneachd is Smachd sa chlas. Fhuair na tidsearan ùra cuideachd cothrom coinneacheadh ri tidsearan eòlach is tidsearan a tha dìreach air crìoch a chur air a' chiad bhliadhna aca sa chlas.
Thuirt Manaidsear Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig, Rosemary Nic a' Bhàrd:
"Tha sinn air ar misneachadh gu mòr le na tha de thidsearan Gàidhlig a' tòiseachadh san dreuchd is tha sinn a' guidhe gach soirbheachadh dhaibh sa bhliadhna tha rompa. Bu toil leinn taing a thoirt don a h-uile neach a chur ris a' cho-labhairt, Oilthigh Shrath Chluaidh is Oilthigh Obar Dheathain, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, CLAS, Ionnsachdh & Teagasg Alba agus riochdairean ùghdarrasan ionadail nam measg.
"Bu toil leinn taing shònraichte a thoirt don luchd-teagaisg a ghabh an ùine a bhith an làthair agus taisbeanaidhean is bùthan-obrach a dhèanamh airson nan oileanach. Tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith a' leudachadh air soirbheachas na bliadhna agus a bhith ag obair air prògram bliadhnail de thachartasan a stèidheachadh do thidsearan ùra agus do thidsearan eòlach."
Tòisichidh 20 tidsearan Gàidhlig bun-sgoile agus 9 tidsearan àrd-sgoile air a' chiad bhliadhna de theagaisg aca anns an Lùnastal 2007. Gheibh iad uile bliadhna ann am bun-sgoil neo àrd-sgoil far a bheil Gàidhlig ga theagaisg thairis air na h-ùghdarrasan ionadail a leanas: Obar Dheathain, Earra-Ghàidheal is Bòid, Comhairle nan Eilean Siar, Glaschu, Comhairle na Gàidhealtachd, Inbhir Chluaidh, Lannraig a Tuath agus Sruighlea.
Gheibhear fiosrachadh is goireasan bhon cho-labhairt air Gàidhlig Air-loidhne.

