kids-colour-charts.jpg

Maoineachadh

Tha Bòrd na Gàidhlig a' faighinn tabhartas-taice bho Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna ionmhais gus na h-amasan is dleastanasan aige a choileanadh.

'S ann tro bhith a' maoineachadh obair nam prìomh bhuidhnean Gàidhlig agus cunnradairean aontaichte eile a tha am Bòrd a' coileanadh a' mhòr-chuid den obair ris a bheil e an urra. Ge-tà, uaireannan bidh am Bòrd a' toirt cùmhnant do dhaoine is bhuidhnean iomchaidh gus obair ro-innleachdail shònraichte a dhèanamh, agus bidh am Bòrd a' maoineachadh iomairtean ann an com-pàirteachas le buidhnean eile.  Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a' dìoladh taic-airgid do bhuidhnean poblach a tha a' cruthachadh is a' cur an gnìomh planaichean Gàidhlig.

Fhuair am Bòrd tabhartas-taice luach £4.409 millean ann an 2007-2008, le £1.4 milean dhen t-suim seo airson a chosg air na buidhnean poblach a bhios a' cur an gnìomh planaichean Gàidhlig.  Bidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd a' cumail taic ri buidhnean is iomairtean coimhearsnachd.

Taic Freumhan Coimhearsnachd

Tha maoin Taic Freumhan Coimhearsnachd, a tha air ùr stèidheachadh airson pròiseactan coimhearsnachd ùr-ghnàthach ri fhaotainn gach bliadhna thairis air na trì bliadhna a tha romhainn. Airson fiosrachadh a bharrachd, faicibh duilleag Taic Freumhan Coimhearsnachd.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use