MaoineachadhTha Bòrd na Gàidhlig a' faighinn tabhartas-taice bho Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna ionmhais gus na h-amasan is dleastanasan aige a choileanadh.'S ann tro bhith a' maoineachadh obair nam prìomh bhuidhnean Gàidhlig agus cunnradairean aontaichte eile a tha am Bòrd a' coileanadh a' mhòr-chuid den obair ris a bheil e an urra. Ge-tà, uaireannan bidh am Bòrd a' toirt cùmhnant do dhaoine is bhuidhnean iomchaidh gus obair ro-innleachdail shònraichte a dhèanamh, agus bidh am Bòrd a' maoineachadh iomairtean ann an com-pàirteachas le buidhnean eile. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a' dìoladh taic-airgid do bhuidhnean poblach a tha a' cruthachadh is a' cur an gnìomh planaichean Gàidhlig. Fhuair am Bòrd tabhartas-taice luach £4.409 millean ann an 2007-2008, le £1.4 milean dhen t-suim seo airson a chosg air na buidhnean poblach a bhios a' cur an gnìomh planaichean Gàidhlig. Bidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd a' cumail taic ri buidhnean is iomairtean coimhearsnachd. |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |