Ceistean Bitheanta
Cò dh'fhaodas cur a-staigh airson maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig?
Duine sam bith gu ìre fhad 's a dhearbhas iad gu bheil iad comasach air na tha fan comhair a thoirt gu buil agus gu bheil am pròiseact no iomairt aca dol a dhèanamh feum dhan Ghàidhlig: feum a tha a' freagairt air amasan is dleastanasan a' Bhùird.
Fo chuid de sgeamaichean maoineachaidh a' Bhùird feumaidh bun-stèidh agus cunntas banca co-dhiù a bhith aig a' bhuidhinn a tha cur a-staigh iarrtas, agus gu math tric tha riaghailtean eile ann ris am feum na buidhnean no daoine fa leth coimhead. Ach mura h-urrainn dhan Bhòrd fhèin taic-airgid a thoirt dhuibh, tha sinn ro dheònach comhairle a thoirt dhuibh a thaobh chothroman maoineachaidh eile a bhiodh freagarrach.
Am feum a' Ghàidhlig a bhith sa phròiseact?
Tha e deatamach gun dèan am pròiseact feum follaiseach do chor na Gàidhlig, agus feumaidh am pròiseact àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh no na cothroman air cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh agus càileachd nan cothroman sin a leudachadh.
Dè an tabhartas as motha as urrainn dhan Bhòrd a thoirt seachad?
Chan eil crìoch ainmichte air an t-sùim de thaic-airgid as urrainn dhan Bhòrd a thoirt seachad, ach tha am Bòrd a' faighinn tabhartas-taice bhon Riaghaltas gach bliadhna gus na feumalachdan aig tòrr bhuidhnean is dhaoine a shàsachadh, agus thoradh sin feumar an t-airgead sin a roinn a rèir phrìomhachasan. Ann an cuid a sgeamaichean sònraichte tha iomall air a' chuibhreann airgid as urrainn dhan Bhòrd a thoirt seachad do neach-iarrtais.
Dè seòrsa measaidh a bhios ann air coileanadh a' phròiseict?
Tha am Bòrd a' measadh gach pròiseact is buidheann a tha iad a' maoineachadh.
Nuair a tha pròiseactan fa leth ann, tha am measadh a' tòiseachadh nuair a thig an t-iarrtas a-staigh agus tha slatan-tomhais aontaichte ann gus dearbhadh gu bheil amasan a' phròiseict air an coileanadh. Uaireannan, le pròiseactan nas motha, thèid diofar ìrean dhen phròiseact a mheasadh agus bheirear cuibhreannan dhen airgead seachad dha rèir.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air na prìomh bhuidhnean Gàidhlig no na cunnradairean aontaichte gach ràith: feumaidh na buidhnean seo aithris mhionaideach air ionmhas is obair na buidhne a chur a-staigh a tha a' freagairt air an aonta eatarra is am Bòrd.
Tha comharran coileanaidh is builean aontaichte anns a h-uile aonta mhaoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig.
Cuine a gheibh mi a-mach an do shoirbhich leam leis an iarrtas?
Tha ceann-latha air ainmeachadh ann an sgeamaichean maoineachaidh sònraichte, agus nuair a thig iarrtas a-staigh nach eil fo sgeama sònraichte, thèid a làimhseachadh cho luath 's as urrainn, agus gu tric gheibhear ceann-latha airson a' cho-dhùnaidh.
Ciamar a chuireas mi a-staigh airson taic-airgid?
Mar as trice tha e nas fheàrr a bhith cur iarrtas a-staigh fo aon de na sgeamaichean sònraichte aig a' Bhòrd agus tha riaghailtean leis na sgeamaichean sin a thaobh cò as urrainn cur a-staigh. Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu na sgeamaichean aig a' Bhòrd no dòighean eile taic fhaighinn bhon Bhòrd leigibh fios gu tabhartas@bng.org.uk

