| Sgrìobhadh Ficsean airson Telebhisean
| |
| CLIÙ : COTHROM AIR MAOINEACHADH ÙR DO LUCHD-IONNSACHAIDH NA GÀIDHLIG
Bidh Clì Gàidhlig a’ cur gu deuchainn sgeama taic-airgid airson luchd-cleachdaidh ùra aig a bheil ùidh ann an ionnsachadh na Gàidhlig. Bidh Clì Gàidhlig a’ toirt taic do leudachadh ann an chleachdadh a’ chànain le togail aireamhan nan daoine a’ dol gu clasaichean Gàidhlig. Ni a’ mhaoin seo e comasach do Chli daoine, aig nach eil taic-airgid an dràsta, a chuideachadh. | |
| CINN-LATHA SGOILE SAMHRAIDH DRÀMA 2010 GAM FOILLSEACHADH
Eadar 5 agus 16 Iuchar 2010 bidh Gàidheil òga a' faighinn cothrom sgilean thèatar aig ìre phroifeasanta ionnsachadh an cuideachd feadhainn de na cleasaichean as fheàrr ann an saoghal na Gàidhlig. | |
| DREUCHDAN ÙRA A' CUR RI OBAIR RANNSACHAIDH ANN AN COIMHEARSNACHDAN GÀIDHLIG
Cuirear gu mòr ri obair rannsachaidh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig le dà dhreuchd ùr gan stèidheachadh fon iomairt ùir shònraichte, Soillse. 19 Am Faoilteach 2010 | |
| LÈIRMHEAS BBC ALBA - CO-CHOMHAIRLEACHADH POBLACH
Tha a’ Ghàidhlig na prìomh phàirt de chultar agus de dhearbh-aithne na h-Alba, agus tha a bhith a’ solarachadh seasmhachd don chànan ann an Alba san àm ri teachd na amas ainmichte poileasaidh aig Riaghaltas na h-Alba. Tha adhartas cudromach ga dhèanamh gus inbhe agus tèarainteachd na Gàidhlig àrdachadh le bhith a’ meudachadh air solar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (GME), stèidheachadh BBC ALBA agus a’ leudachadh air na h-ealain Ghàidhlig agus foillseachadh ann an Gàidhlig. | |
| FREAGAIRT BHÒRD NA GÀIDHLIG DO BHEACHDAN A’ CHOMHAIRLICHE ROSIE
Tha Bòrd na Gàidhlig glè eòlach air beachdan àbhaisteach Mhgr Rosie. Aig a h-uile tionndadh, tha e a’ gabhail air gun labhairt dìreach ris a’ Bhòrd, a dh’aindeoin cuireadh bhon Chathraiche coinneachadh aig àm sam bith. Cuideachd, tha e air diùltadh na cùisean sin a dheasbad aig coinneamh phoblach na sgìre fhèin. Chan eil e aig àm sam bith air an fhianais a thaisbeanadh a tha e ag ràdh a tha a’ seasamh airson beachdan luchd-taghaidh na roinne Pàrlamaid aige.
| |
| Bòrd na Gàidhlig a’ moladh BBC Alba chur air Freeview sa bhad
| |
| ‘SOILLSEACHADH’ ÙR ALBANNACH A’ FAIGHINN MAOIN TASGAIDH CO-OBRACHAIL DE £5.29 MILLEAN
Tha maoineachadh de £5.29 millean airson rannsachadh gus taic is | |
| PLANA GNÌOMH LE BÒRD NA GÀIDHLIG GA THOIRT DHAN RIAGHALTAS
Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh poblach le uallach airson a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig, air Plana Gnìomh a chur chun Riaghaltais, a’ mìneachadh am planaichean airson astar a chur anns an àireamh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus ga cleachdadh, agus cuideachd dòighean nas èifeachdaiche air a bhith ag obair agus a’ cleachdadh stòrais. | |



