Bòrd na Gàidhlig - Naidheachdan Ùra
Bòrd na Gàidhlig a' co-eagrachadh Seiminear air Planaichean Gàidhlig

Coinneach MacFhionghuin air Bòrd na Gàidhlig agus Gwenith Price aig Bòrd na Cuimris aig an t-Seiminear air Planaichean Gàidhlig. Chuir Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd an tachartas dùinte air dòigh gus deagh mhodh ann am planaichean Gàidhlig aig ùghdarrasan poblach a dheasbad
07 An t-Samhain 2008


DUAIS CHOLMCHILLE 2009

Am bliadhna a rithist, le taic bho Colmcille, bi an duais is luachmoire th' ann ga thairgsinn airson bàrdachd ann an Gaidhig no Gaeilge aig Féis Bhàrdachd Eadarnaiseanta Bheal Atha na mBuilli ann an Eirinn. Tha duaisean luach €4000, €2000 agus €1000 gan tairgsinn airson dàn nach eil nas fhaide na 70 loighne.
03 An t-Samhain 2008


BÒRD NA GÀIDHLIG A' CUR FÀILTE AIR CO-DHÙNADH CHOMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD MU PHLANA NA GÀIDHLIG

Chuir Bòrd na Gàidhlig, am buidheann leasachaidh Gàidhlig, fàilte air co-dhùnadh Chomhairle na Gàidhealtachd a dhol air adhart le planaichean airson soidhnichean dà-chànanach ann an Gàidhlig agus Beurla an Gallaibh.


03 An t-Samhain 2008


BoydSTIUIRICHE UR AIG SABHAL MOR OSTAIG

Tha Sabhal Mòr Ostaig air Mgr Boyd Robasdan ainmeachadh mar a neach a ghabhas àite an Ollamh Tormod MacGilliosa mar Stiùiriche an t-Sabhail nuair a leigeas an t-Ollamh MacGilliosa dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna.
30 An Dàmhair 2008


MG ALBA A’ DÈANAMH GÀIRDEACHAS RI ÀIREAMHAN LUCHD-AMHAIRC BBC ALBA

Chuir MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Didseatach Gàidhlig, fàilte air na h-àireamhan de luchd-coimhid an-diugh (Diluain) a chaidh fhoillseachadh do BhBC ALBA, an sianal telebhisein ùr Gàidhlig, gun robh còrr is 600,000 luchd-coimhid a’ cleachdadh na seirbheis tro chiad sheachdain.


30 An Dàmhair 2008


COMUNN NA GÀIDHLIG AG AMAS AIR GRANNTAICHEAN COIMHEARSNACHD

Tha a’ bhuidheann-leasachaidh Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig (CnaG), air aire a tharraing gu cothromanan a th’ann do choimhearsnachdan a tha an-sàs ann am pròiseactean tro thaic ionmhais.


30 An Dàmhair 2008


DEASBAD NÀISEANTA BT ALBA A' TILLEADH DON LANNTAIR

Tha an Deasbad Nàiseanta do sgoiltean aig BT Alba a’ tilleadh don Lanntair, Steòrnabhagh, leis a’ chiad chuairt de dh’ fharpais 2008 a’ dol air adhart an sin air Diciadain agus Diardaoin 5mh agus 6mh den t-Samhain.
30 An Dàmhair 2008


LeumAN ÀIREAMH AS MOTHA DE LUCHD-CEUMNACHAIDH ANN AN EACHDRAIDH AN T-SABHAIL

Cheumnaich 48 oileanach am-bliadhna - an àireamh as motha a cheumnaich ann an eachdraidh an t-Sabhail. Cuideachd, airson a’ chiad turas, cheumnaich oileanaich bhon MA ann an Cultar Dùthchasach ‘s an Àrainneachd agus bhon Chùrsa Adhartais.


27 An Dàmhair 2008


FreumhanAM BÒRD A’ CUR MAOIN AIR BHOG GUS FÀS A THOIRT AIR GÀIDHLIG SNA COIMHEARSNACHDAN

Tha maoin dùbhlain air luach £150K ga cur air bhog le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann leasachaidh Gàidhlig, gus fàs a thoirt air a’ Gàidhlig tro phròiseactan coimhearsnachd.


15 An Dàmhair 2008


LÀRACH-LÌN ÙR AIR A CUR AIR BHOG DHA LUCHD-TEAGAISG NA GÀIDHLIG

Chaidh làrach-lìn ùr dha daoine aig a bheil ùidh ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a chur air bhog aig Fèis Ionnsachaidh na h-Alba anns an SECC ann an Glaschu an-diugh, 24 Sultain 2008.

Tha www.gaelicteaching.com  mar phàirt de dhealas Bhòrd na Gàidhlig a thaobh foghlam agus a bhith a’ fastadh luchd-teagaisg Gàidhlig, agus bidh an làrach-lìn a’ solarachadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig, trèanadh luchd-teagaisg, ionnsachadh na Gàidhlig, cothroman maoineachaidh, cùisean sgrùdaidh inntinneach agus ceanglaichean feumail gu raon fharsaing de làraich foghlaim.


24 An t-Sultain 2008