NaidheachdanTha grunn phàipearan-naidheachd agus bhuidhnean eile sna meadhanan a tha a' sgaoileadh naidheachdan sa Ghàidhlig, agus glè thric nochdaidh sgeulachdan mun Ghàidhlig agus mion-chànanan eile sna naidheachdan air feadh an t-saoghail. Ma tha naidheachd agaibh mun Ghàidhlig, tha ceanglaichean againn ris na prìomh mheadhanan Gàidhlig. Agus mas e 's gun fhuair sibh taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus gu bheil sibh ag iarraidh beagan follaiseachd air a’ phròiseact agaibh, 's ma dh’fhaodte gun urrainn dhan Bhòrd ur cuideachadh.Airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith faighinn cuideachadh bho Bhòrd na Gàidhlig leigibh fios do naidheachd@bng.org.uk Seo taghadh dhen fheadhainn a tha a' sgaoileadh naidheachdan sa Ghàidhlig, no a tha a' giùlain stuth Gàidhlig, gu cunbhalach a gheibhear air-loidhne: |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |