Bòrd na Gàidhlig - Naidheachdan Ùra
CO-LABHAIRT 'BHO PLANA GU GNIOMH'

Theid Co-labhairt air ‘Bho Plana gu Gnìomh’ a chumail le Bòrd na Gàidhlig air an 20mh den Chèitean ann an Inbhir Nis, le fiathachadh ga chur gu buidhnean Gàidhlig agus buidhnean eile leithid ùghdarrasan ionadail a tha an sàs ann an leasachadh a’ chànain.


12 Am Màrt 2010


BÒRD NA GÀIDHLIG A’ CUR FÀILTE AIR SUAICHEANTAS GAIDHLIG AIRSON GLASCHU 2014

Tha Bòrd na Gàidhlig air fàilte a chur air an naidheachd gu bheil suaicheantas Gàidhlig gu bhith air a chleachdadh an-lùib deisealachadh, margaidheachd agus modhan-obrach sgioba Ghlaschu a tha a’ dèiligeadh ri Geamaichean a Cho-Fhlaitheis ann an 2014. 


08 Am Màrt 2010


BUIDHEANN ÒIGRIDH NIS LE PRÒGRAM AIR AN RÈIDIO

Tha Iomairt Ghàidhlig Iar-thuath Leòdhais air buidheann òigridh ùr a steidheachadh ann an Nis, buidheann a tha’n dùil diofar phròiseactan tro mheadhan na Gaidhlig a chur air dòigh san àm ri teachd.  Tha am buidheann air a dhèanamh an àirde de òigridh a tha a’ frithealadh Sgoil Lionail air P7, S1 agus S2.  Chaidh am buidheann a steidheachadh airson pròiseactan, a chur air dòigh, taobh a-muigh na sgoile.


15 An Gearran 2010


Sgrìobhadh Ficsean airson Telebhisean


08 An Gearran 2010


CLIÙ : COTHROM AIR MAOINEACHADH ÙR DO LUCHD-IONNSACHAIDH NA GÀIDHLIG

Bidh Clì Gàidhlig a’ cur gu deuchainn sgeama taic-airgid airson luchd-cleachdaidh ùra aig a bheil ùidh ann an ionnsachadh na Gàidhlig. Bidh Clì Gàidhlig a’ toirt taic do leudachadh ann an chleachdadh a’ chànain le togail aireamhan nan daoine a’ dol gu clasaichean Gàidhlig. Ni a’ mhaoin seo e comasach do Chli daoine, aig nach eil taic-airgid an dràsta, a chuideachadh.


01 An Gearran 2010


CINN-LATHA SGOILE SAMHRAIDH DRÀMA 2010 GAM FOILLSEACHADH

Eadar 5 agus 16 Iuchar 2010 bidh Gàidheil òga a' faighinn cothrom sgilean thèatar aig ìre phroifeasanta ionnsachadh an cuideachd feadhainn de na cleasaichean as fheàrr ann an saoghal na Gàidhlig.


01 An Gearran 2010


DREUCHDAN ÙRA A' CUR RI OBAIR RANNSACHAIDH ANN AN COIMHEARSNACHDAN GÀIDHLIG

Cuirear gu mòr ri obair rannsachaidh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig le dà dhreuchd ùr gan stèidheachadh fon iomairt ùir shònraichte, Soillse.


19 Am Faoilteach 2010


LÈIRMHEAS BBC ALBA - CO-CHOMHAIRLEACHADH POBLACH

Tha a’ Ghàidhlig na prìomh phàirt de chultar agus de dhearbh-aithne na h-Alba, agus tha a bhith a’ solarachadh seasmhachd don chànan ann an Alba san àm ri teachd na amas ainmichte poileasaidh aig Riaghaltas na h-Alba.  Tha adhartas cudromach ga dhèanamh gus inbhe agus tèarainteachd na Gàidhlig àrdachadh le bhith a’ meudachadh air solar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (GME), stèidheachadh BBC ALBA agus a’ leudachadh air na h-ealain Ghàidhlig agus foillseachadh ann an Gàidhlig.


15 Am Faoilteach 2010


FREAGAIRT BHÒRD NA GÀIDHLIG DO BHEACHDAN A’ CHOMHAIRLICHE ROSIE

Tha Bòrd na Gàidhlig glè eòlach air beachdan àbhaisteach Mhgr Rosie. Aig a h-uile tionndadh, tha e a’ gabhail air gun labhairt dìreach ris a’ Bhòrd, a dh’aindeoin cuireadh bhon Chathraiche coinneachadh aig àm sam bith. Cuideachd, tha e air diùltadh na cùisean sin a dheasbad aig coinneamh phoblach na sgìre fhèin. Chan eil e aig àm sam bith air an fhianais a thaisbeanadh a tha e ag ràdh a tha a’ seasamh airson beachdan luchd-taghaidh na roinne Pàrlamaid aige.
15 Am Faoilteach 2010


Bòrd na Gàidhlig a’ moladh BBC Alba chur air Freeview sa bhad

Tha mar a shoirbhich le BBC Alba bhon chaidh a stèidheachadh anns an t-Sultain 2008 na theisteanas air èifeachdas co-obrachaidh eadar am BBC agus MG Alba, agus tha Bòrd na Gàidhlig dhen bharail gu bheil na tha an dàn dhan t-seirbheis an crochadh air dà cheum: BBC Alba a chraoladh air Freeview sa bhad agus barrachd stòrais a chur gu BBC Alba ach an tèid aca air an cuid phrògraman a dhealbh agus a leasachadh gu leantainneach.

15 Am Faoilteach 2010