Gabh an Cothrom

Obraichean Gàidhlig

Tha dà dhreuchd Luchd-taic Rianachd gan sanasachd aig Bòrd na Gàidhlig an-dràsta.  Airson tuilleadh fiosrachaidh thoiribh sùil air duilleag Obrach.

Tha grunn math obraichean ann an Alba far a bheil Gàidhlig riatanach no na chuideachadh, an dà chuid san roinn phoblach agus san roinn phrìobhaideach. Am measg nan cothroman a nochdas bho àm gu àm, tha iad seo: bidh cuid de na h-ùghdarrasan ionadail a' sireadh dhaoine aig a bheil Gàidhlig airson obraichean sònraichte, bidh tidsearan le Gàidhlig a dhìth ann an cuid a sgìrean ann an Alba, bidh luchd-craolaidh gu tric ag iarraidh dhaoine aig a bheil Gàidhlig, agus bidh obraichean Gàidhlig rim faotainn ann am Foghlam Àrd-ìre agus aig na buidhnean Gàidhlig.

Gheibhear fiosrachadh feumail air obraichean Gàidhlig a tha rin sanasachd an-dràsta air làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig.

Gu h-ìosal tha ceanglaichean cuideachd ann ri làraich-lìn fhreagarrach a thaobh obraichean Gàidhlig. Faicibh Obraichean airson tuilleadh fiosrachaidh mu chothroman obrach a' Bhùird fhèin.

Ceanglaichean:

ArgyllGaelic.org

Bith Beò

BBC 

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Comhairle na Gàidhealtachd 

Comhairle nan Eilean Siar

Iris Foghlaim an Times 

Multilingualvacancies.com

Obraichean aig Sabhal Mòr Ostaig 

ScottishJobs.com

Seirbhis nam Meadhanan Gàidhlig

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use