Obraichean GàidhligTha dà dhreuchd Luchd-taic Rianachd gan sanasachd aig Bòrd na Gàidhlig an-dràsta. Airson tuilleadh fiosrachaidh thoiribh sùil air duilleag Obrach.Tha grunn math obraichean ann an Alba far a bheil Gàidhlig riatanach no na chuideachadh, an dà chuid san roinn phoblach agus san roinn phrìobhaideach. Am measg nan cothroman a nochdas bho àm gu àm, tha iad seo: bidh cuid de na h-ùghdarrasan ionadail a' sireadh dhaoine aig a bheil Gàidhlig airson obraichean sònraichte, bidh tidsearan le Gàidhlig a dhìth ann an cuid a sgìrean ann an Alba, bidh luchd-craolaidh gu tric ag iarraidh dhaoine aig a bheil Gàidhlig, agus bidh obraichean Gàidhlig rim faotainn ann am Foghlam Àrd-ìre agus aig na buidhnean Gàidhlig.Gheibhear fiosrachadh feumail air obraichean Gàidhlig a tha rin sanasachd an-dràsta air làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig.Gu h-ìosal tha ceanglaichean cuideachd ann ri làraich-lìn fhreagarrach a thaobh obraichean Gàidhlig. Faicibh Obraichean airson tuilleadh fiosrachaidh mu chothroman obrach a' Bhùird fhèin. Ceanglaichean: Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Obraichean aig Sabhal Mòr Ostaig Seirbhis nam Meadhanan Gàidhlig
|
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |