teaching.jpg

Obraichean

Obraichean aig Bòrd na Gàidhlig

Faic leig a-nuas airson foirm Iarrtais Cosnaidh agus Pasgan Tagraidhean.

Neach-taic Rianachd

A3/A4 - £14,280- £20,004

Dreuchd Luchd-taic Rianachd – geàrr ùine airson 6 mìosan, anns a chiad dol a mach. Ag obair mar phàirt den sgioba aig Bòrd na Gàidhlig ann an Inbhir Nis. Bu chòir do thagraichean a bhith fileanta sa Ghàidhlig agus comasach air a leughadh agus a sgrìobhadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus pasgan iarrtais cuiribh fios gu Bòrd na Gàidhlig
Fòn: 01463 225454 no carol.niciain@bord-na-gaidhlig.org.uk Ceann-latha airson tagradh - Dihaoine 5mh Gearran 2010

Oifigear Fiosrachaidh Stiùiridh

Raon Tuarastail: Bann 1 £20k-25k

Tha an dreuchd seo ga tairgsinn air cunnradh geàrr-ama gu 31 Màirt 2011. Dh’fhaodadh gun gabhar ri suidheachadh fo-fhastaidh. Cunntachail airson lorg/trusadh, mìon-sgrùdadh, mìneachadh agus taisbeanadh dàta, air prìomh chomharran/ceuman coileanaidh is targaidean ro-innleachdail is obrachaidh a’ Bhùird. Cur-a-steach agus am fiosrachadh stiùiridh as ùire a sholarachadh a thaobh adhartas agus coileanadh plana, gus co-dhùnaidhean obrachaidh agus ro-innleachdail fhiosrachadh.

 

BÒRD NA GÀIDHLIG & COMHAIRLE EALAIN NA H-ALBA

OIFIGEAR LEASACHAIDH – EALAIN GHÀIDHLIG

Tuarastal de £24171 – £39385

Tha an dreuchd seo air a co-mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle Ealain na h-Alba. Tha dleastanas sònraichte air an dreuchd seo gus an Ro-Innleachd Ealain Nàiseanta ath-ùrachadh agus a thoirt gu buil. Mar phàirt den sgioba seo, bidh am prìomh earrann den dreuchd agad an lùib co-òrdanachadh agus leasachadh iomairtean agus gnìomhachdan ealain Ghàidhlig air feadh na h-Alba.

Ged a bhios an dreuchd stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, bidh e riatanach a bhith a’ siubhal air feadh Alba. Tha e deatamach cuideachd a bhith deònach uairean sùbailte obrachadh a’ gabhail a-steach feasgar agus deireadh seachdain mar a bhios iomchaidh.

Tha pasgain tagraidh rim faotainn bho Bhòrd na Gàidhlig ann an Inbhir Nis:

Fon - 01463 225454 neo post-d – oifis@bord-na-gaihdlig.org.uk

Ceann-latha Deireannach: 5 Gearran 2010

 

Co-òrdanaiche Pròiseict (Colmcille) Gaoth Dobhair no ann an Alba

Iomradh: CTCC/0109/BnG

Tha Colmcille airson Co-òrdanaiche Pròiseict fhastadh. Bidh an neach stèidhichte ann an Gaoth Dobhair (Oifis Fhoras na Gaeilge) no ann an Alba.

Bidh dleastanas air an neach a dh’fhastaidhear, prògram Gaeilge/Gàidhlig cuimsichte air a’ cheangal eadar an luchd-labhairt ann an Èirinn agus Alba a leasachadh agus a chur an gnìomh, agus a bhith ag obair ann an dlùth cheangal ri buill bhuidhnean eile air pròiseactan agus iomairtean iomchaidh eile.

’S e an raon tuarastail mu choinneamh na dreuchd seo shuas: £41,317 - £52,444

 

Oifigear Leasachaidh (Colmcille) - Fòrladh Màthaireil

Turastal: £24,171 - £29,673

Dleastanas air an neach a thèid fhastadh na leanas a choileanadh:

  • An obair a tha Colmcille air aontachadh a thaobh ceangalan Gàidhlig agus Gaeilge a neartachadh eadar Èirinn agus Alba.
  • Rianachd thabhartasan airson obair Cholmcille ann an Alba.

Bidh an neach stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd no anns na h-Eileanan.

Foirm tagraidh agus pasgan fiosrachaidh bho Bòrd na Gàidhlig aig:
Fòn: 01463 225454 no post-d: oifis@bord-na-gaidhlig.org.uk

Latha Dùnaidh Ur - 29 Faoilleach 2010.

 

Beàrn Obrach - Comhairle Sruighlea

Tha Comhairle Sruighlea a' lorg tidsear airson an Aonad Gaidhlig ann an Bun Sgoil Taobh na h-Aibhne.  Feumaidh na tagraichean a bhith fileanta ann an Gaidhlig.

Airson barrachd fiosrachadh/iarrtas a chur a steach thig gu:- https://www.myjobscotland.gov.uk/fe/tpl_scottishportal04.asp?newms=jj&id=74165&

DREUCHDAN MAIREANNACH – BUN-SGOIL

Ceannard-sgoile £46,992 Bun-sgoil Ghaidhlig Inbhir Nis

Gheibhear foirmean tagraidh bho:
Seirbheis Foghlaim, Cultur agus Spòrs,
Aonad Fastaidh
Ionad Inbhir-Pheofharain,
Rathad Jubilee Park,
Inbhir-Pheofharain IV15 9QZ
Àireamh fòn 01349 868660
(Seirbheis freagairt 24 uairean)

Mus teid dreuchd a dhearbhadh nithear làn-sgrùdaidh a-thaobh clàran-eu-coireach tro Disclosure Scotland.

Tha diofar seorsa taic ri fhaotainn tron Chomhairle airson cosgaisean-gluasad agus dh’fhoadadh gum bitheadh tagraiche soirbheachail airidh air cuid de’n sin.

Ceann-là: Dihaoine 26 Gearran 2010

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use