Planaichean Gàidhlig
Fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, 's ann air Bòrd na Gàidhlig a tha an t-uallach airson comharrachadh ùghdarrasan poblach a dh'fheumas Planaichean Gàidhlig a dheasachadh. Tha na buidhnean sin riatanach do bheatha phoblach na h-Alba, agus tha prìomh àite aca ann an leasachadh na Gàidhlig. Aig an àm seo tha 13 ùghdarrasan poblach a' deasachadh Phlanaichean Gàidhlig agus thathar an dùil gun iarrar air ochd eile a dh'aithghearr a thòiseachadh ag ullachadh nam planaichean acasan.
'S iad a' chiad sia buidhnean: Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar. Tha na Planaichan Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàdheal & Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, Buidheann Chorporra Phàrlamaid na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air aonta foirmeil fhaighinn bhon Bhòrd.
Bidh na Planaichean seo a' togail air rùintean a' Phlana Nàiseanta, agus bheir iad cothrom nas trice do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig air cuid de sheirbheisean poblach anns a' chànan a thaghas iad. Thathar a' sùileachadh cuideachd gum bi ùghdarrasan a tha ag ullachadh planaichean a' brosnachadh daoine gus Gàidhlig a chleachdadh nuair a bhios iad a' dèiligeadh riutha, agus gum bi iad a' leudachadh seirbheisean agus goireasan Gàidhlig na buidhne aca.
'S e pàipear oifigeil a tha anns an Stiùireadh seo agus tha e a' treòrachadh buidhnean poblach mun dòigh as fheàrr Planaichean Gàidhlig a dheasachadh.
Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig
Chaidh cuairt 2009/10 dhen mhaoin a dhùnadh le Bòrd na Gàidhlig aig deireadh a' Ghiblein 2009. Seo a' cheathramh bliadhna dhe GLAIF.
Tha GLAIF sa chiad àite mar mheadhan air taic a chur ri cur an gnìomh nam Planaichean Gàidhlig a tha air an deasachadh leis na h-ùghdarrasan poblach fo fhrèam Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Bidh a’ mhaoin air a cleachdadh airson taic a chur ri tionnsgnaidhean a leasaicheas comasachd nam buidhnean poblach gus am Planaichean Gàidhlig a lìbhrigeadh, agus cuidichidh e le raon de dh’obraichean ann an Gàidhlig; gach nì bho ionnsachadh cànain dhan luchd-obrach gu seirbheisean eadar-theangachaidh.



