Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Geàrr-iomradh

Tha a' Ghàidhlig na pàirt sònraichte de dhualchas nàiseanta na h-Alba. Buinidh a' Ghàidhlig do shluagh na h-Alba, agus 's e ar n-uallach mar dhùthaich a cumail beò anns an Alba nuadh, ioma-chànanach.

Carson a dh’fheumas sinn Plana Nàiseanta? (Duilleag 9)

Tha suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba air leth lag. Ma tha an cànan gu bhith seasmhach anns na làithean ri teachd, feumar saothair a cho-òrdanachadh agus stòrais a stiùireadh a dh’ionnsaigh ghnìomhan agus bhuilean aonaichte. Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig air a dhealbh gus dèiligeadh ris a’ chùis seo, agus tha a leasachadh air a chur mar dhleastanas reachdail air Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Dè tha fa-near dha? (Duilleagan 9 - 11)

Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig ag amas air inbhe thèarainte a thoirt dhan Ghàidhlig ann an Alba. ’S e an dùbhlan as motha a tha romhainn stad a chur air a' chrìonadh leantainneach anns an àireamh iomlan de luchd-labhairt na Gàidhlig. Ann an 1881, bha còrr air cairteal millein luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba, a' comharrachadh faisg air 7% den t-sluagh. A rèir Cunntas-sluaigh 2001 bha 58,652 neach-labhairt Gàidhlig aig aois trì no nas sine ann an Alba, a' comharrachadh 1.2% de shluagh na dùthcha. Tha am figear seo sìos bho chòrr air 65,978 neach-labhairt Gàidhlig clàraichte ann an 1991, ged a tha an t-astar crìonaidh air mallachadh gu mòr. ’S e grad-phrìomhachas ceuman a ghabhail a chumas an àireamh iomlan de luchd-labhairt na Gàidhlig ag ìre chunbhalach, sheasmhach, gus tòiseachadh air togail airson nan làithean ri teachd.

Ciamar a choileanas e seo? (Duilleagan 12 - 35)

Tha am Plana Nàiseanta a’ mìneachadh na ceuman a dh’fhaodar a ghabhail gus na rùintean sin a choileanadh. Air chùl leasachadh a’ Phlana tha ceithir prionnsapalan planadh cànain a tha stèidhichte agus eadar-cheangailte a tha air suidhichidhean leasachadh mion-chànain eile a stiùireadh:

  • Togail cànain – meudachadh air an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig le bhith a' dèanamh cinnteach gum bi an cànan air a thoirt seachad agus le bhith a' faighinn cothroman èifeachdach airson Gàidhlig ionnsachadh
  • Cleachdadh cànain – brosnachadh barrachd cleachdadh na Gàidhlig, toirt cothroman air a' chànan a chleachdadh, agus adhartachadh cothrom air modhan labhairt Gàidhlig
  • Inbhe cànain – meudachadh air na tha de Ghàidhlig air fhaicinn agus air a chluinntinn, gus aithne air a leudachadh agus gus ìomhaigh fhiughaireach a chruthachadh don Ghàidhlig ann am beatha phoblach na h-Alba
  • Corpas cànain – neartachadh air iomchaidheachd agus cunbhalachd na Gàidhlig, agus adhartachadh rannsachadh air a' chànan

Anns na beagan bhliadhnachan ri teachd tha sinn ag iarraidh gum faic sinn:

  • an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a' fàs nas seasmhaiche
  • meudachadh anns an àireamh chloinne a' tòiseachadh ann am foghlam ro-sgoile tron Ghàidhlig agus a' dol air adhart tro gach raon tron Ghàidhlig anns a' bhun-sgoil agus an àrd-sgoil
  • meudachadh anns an àireamh de luchd-ionnsachaidh inbheach a' dol air adhart gu fileantachd
  • meudachadh ann an litearrachd am measg luchd-labhairt na Gàidhlig

Dè nì am Bòrd gus seo a chur an gnìomh? (Duilleagan 37 - 43)

Am measg rudan eile, cuiridh sinn an sàs:

  • iomairt nàiseanta follaiseachd airson ìomhaigh fhiughaireach a chur air adhart don Ghàidhlig ann an Alba
  • stèidheachadh sgeama maoineachaidh a bheir taic do dhaoine a tha ag iarraidh an sgilean Gàidhlig a leasachadh agus a leudachadh
  • ullachadh agus cur an gnìomh prògram dhuaisean bliadhnail a bheir àite do choileanadh ann an togail agus cleachdadh na Gàidhlig anns an dachaigh, a’ choimhearsnachd agus an àite-obrach
  • cur fios gu ùghdarrasan poblach buntainneach ag iarraidh Planaichean reachdail Gàidhlig
  • ullachadh stuthan mu na cothroman air cleachdadh na Gàidhlig san àite-obrach
  • comhairle air planadh Gàidhlig agus eisimpleirean de deagh chleachdadh a thaobh cleachdadh na Gàidhlig anns na roinnean prìobhaideach agus saor-thoileach
  • iomairt airson cleachdadh agus toirt seachad na Gàidhlig san dachaigh adhartachadh
  • sgrùdadh air solar cùraim-chloinne agus bliadhnaichean tràth tron Ghàidhlig gus an solar a tha ann a shoilleireachadh, beàrnan ann a chomharrachadh agus leasachadh air a mholadh

Cò eile a tha an sàs?

Aig cridhe lìbhrigeadh nan gnìomhan leasachaidh air an comharrachadh ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig bidh obair an com-pàirt eadar Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile.

Cuiridh sinn ar maoineachadh leasachaidh ri taic do bhuileachadh ghnìomhan air an comharrachadh anns a’ Phlana Nàiseanta. Ann an seo, bidh sinn a’ co-obrachadh le diofar bhuidhnean Gàidhlig agus buidhnean eile aig a bheil na sgilean agus an t-eòlas airson adhartas a dhèanamh ann an roinnean gnìomh.

Air leth cudromach ann an lìbhrigeadh ar seallaidh airson na Gàidhlig tha com-pàirt fhor-ghnìomhach bho gach seòrsa buidhinn – poblach, prìobhaideach, saor-thoileach, le Gàidhlig, gun Ghàidhlig agus riaghaltas.

Bidh soirbheachadh deireannach a’ Phlana Nàiseanta an urra ri luchd-labhairt is luchd-taice na Gàidhlig an cànan a chleachdadh nas trice agus anns gach pàirt dem beatha làitheil. Bidh e cuideachd an urra riutha greimeachadh air na barrachd chothroman airson cleachdadh na Gàidhlig a chruthaicheas planaichean cànain bhuidhnean poblach.

Ciamar a thèid soirbheachadh a thomhais? (Duilleagan 44 - 45)

Cumaidh Bòrd na Gàidhlig sùil air buileachadh nan gnìomhan leasachaidh air an comharrachadh anns a’ Phlana Nàiseanta. Nì sinn seo le sgrùdadh ar gnìomhan fhìn, cumail sùil air obair bhuidhnean leis a bheil com-pàirteachasan foirmeil againn, agus le sireadh fiosrachaidh bho bhuidhnean eile mu cheuman a tha iad air gabhail airson nan gnìomhan leasachaidh a tha sinn air comharrachadh anns a’ Phlana Nàiseanta a chleachdadh.

Ro-Innleachd Nàiseanta Foghlam Gàidhlig (Duilleagan 50 - 69)

Nuair a bha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 air aontachadh, dh’iarr Peadar Peacock, BPA, am Ministear airson Foghlaim agus Òigridh, air Bòrd na Gàidhlig ro-innleachd mhionaideach nàiseanta do dh'fhoghlam Gàidhlig ullachadh mar phàirt de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

Tha an ro-innleachd a’ toirt stiùireadh ro-innleachdail air leasachadh foghlam Gàidhlig ann an Alba. Tha i a’ foillseachadh prògram coileanta leasachaidh a tha an urra ri taic bho Mhinistearan na h-Alba, ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach agus buidhnean Gàidhlig. Tro chom-pàirteachas èifeachdach tha sinn ag amas air a prìomhachas, gus leudachadh ann an luaths fàs foghlam Gàidhlig, a choileanadh agus, aig a’ cheann thall, àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh.

 

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use