Rannsachadh na Gàidhlig
'S ann air leth cudromach a tha rannsachadh dhan Ghàidhlig, agus a bharrachd air a bhith a' toirt taic do rannsachadh, tha Bòrd na Gàidhlig a' dèanamh feum de thòrr rannsachaidh a tha daoine eile air a dhèanamh.
Tha rannsachadh a' sealltainn suidheachadh na Gàidhlig agus dè bu chòir a dhèanamh chum maith a' chànain agus tha e a' dearbhadh luach a' chànain. Cuideachd tha e air leth cudromach gun tèid rannsachadh a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig agus chan ann dìreach mun Ghàidhlig.
Tha rannsachadh air mion-chànanan eile cudromach do dh'obair Bòrd na Gàidhlig agus bidh sinn bho àm gu àm a' dol an sàs ann an rannsachadh ann an co-bhuinn ri buidhnean-cànain bho dhùthchannan eile.
A bharrachd air daoine fa leth, tha buidhnean-rannsachaidh ann agus co-labhairtean bliadhnail mar Rannsachadh na Gàidhlig. Tha na h-oilthighean is colaistean a' brosnachadh rannsachadh air tòrr chuspairean co-cheangailte ris a' Ghàidhlig, agus tha na buidhnean Gàidhlig fhèin a' toirt taic do rannsachaidhean feumail.
Anns a' Mhàrt 2009, thug am Bòrd coimiseanan seachad airson nam pròiseactan rannsachaidh a leanas:
Beachd is Comas le Sabhal Mòr Ostaig
Sgioba: Iain Mac an Tàilleir le Gillian Rothach, Marsaili NicLeòid
Ionnsachadh Inbheach le Roinn Ceiltis Oilthigh Dhùn Èideann
Sgioba: Wilson MacLeòid le Alasdair MacLeòid, Irene Pollock
Pròiseactan Bòrd na Gàidhlig le Hecla Consulting
Sgioba: Iain Caimbeul le David Roberts
Teicneòlas Corpais le Roinn Ceiltis Oilthigh Ghlaschu
Sgioba: Rob Ó Maolalaigh le Mìcheal Bauer, Rob Wherrett
Toradh Foghlaim le Roinn Ceiltis Oilthigh Dhùn Èideann (le taic Sgoil Foghlaim Moray House)
Sgioba: Wilson MacLeòid le Lindsay Paterson, Fiona O'Hanlon
Airson an tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Manaidsear Planadh Cànan Bhòrd na Gàidhlig, Peadar Morgan.



