Stiùireadh'S e aon de phrìomh dhleastanasan Bhòrd na Gàidhlig stiùireadh is comhairle a thoirt seachad. Tha am Bòrd a' toirt stiùireadh do bhuidhnean, agus gu sònraichte buidhnean poblach, mun Ghàidhlig agus mu fhoghlam Gàidhlig. Tha am Bòrd a' toirt seachad stiùireadh is comhairle do bhuidhnean poblach mu phlanaichean Gàidhlig agus tha iad a' moladh sheòl matha gus planaichean a chur an gnìomh. Tha am Bòrd cuideachd a' toirt comhairle do bhuidhnean, nach eil a' tighinn fo ùghdarras na h-Achd, mu na planaichean Gàidhlig aca. 'S ann air leth cudromach a tha dealbhadh agus margaideachd ann an saoghal an latha an-diugh agus tha Bòrd na Gàidhlig a' toirt comhairle mu agus a' cur cudrom air càileachd san roinn seo.Fo Achd na Gàidhlig tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh air barrachd is barrachd bhuidhnean poblach a' Ghàidhlig agus a cultar fhighe a-staigh do dh'obair na buidhne aca (nuair a ghabhas seo a dhèanamh agus nuair a tha e freagarrach a thaobh luchd-cleachdaidh nan seirbheisean aca). Tha seo a' ciallachadh gu bheil feum air eadar-theangairean, luchd-oideachaidh agus daoine a tha comasach air eadar-mhìneachadh eadar a' Ghàidhlig agus a' Bheurla. Tha am Bòrd a' brosnachadh dhòighean-obrach matha sna dreuchdan seo, agus tha sinn a' moladh dhaoine aig a bheil liut nach beag orra. |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |