Ceistean BitheantaCò dha a bheir Bòrd na Gàidhlig stiùireadh?Gu ìre bheir Bòrd na Gàidhlig stiùireadh no comhairle do dhuine sam bith mun Ghàidhlig ma tha e na chomas dha, ach tha goireasan is dìth ùine a' ciallachadh nach urrainn dhan Bhòrd freagairt a thoirt dhan a h-uile ceist. Sa chumantas tha am Bòrd a' toirt comhairle do bhuidhnean poblach, agus dhan mhòr-shluagh tro mheadhanan mar an làrach-lìn seo. Dè th' ann am plana Gàidhlig agus cò aig am bu chòir fear a bhith?'S e th' ann am plana Gàidhlig inneal a bheir an cothrom do luchd na Gàidhlig seirbheisean poblach fhaighinn sa chànan aca fhèin agus tha am plana a' sealltainn dè na h-oidhirpean a nì buidheann phoblach gus an aon mheas a chur air a' Ghàidhlig 's a tha air a' Bheurla na cuid obrach is sheirbheisean. Fo Achd na Gàidhlig, gach bliadhna tha am Bòrd ag iarraidh air cuid a bhuidhnean poblach plana Gàidhlig ullachadh. Ge-tà, faodaidh plana Gàidhlig a bhith aig buidheann sam bith, agus tha am Bòrd ro dheònach stiùireadh a thoirt do bhuidhnean a tha ag iarraidh plana Gàidhlig a chur an gnìomh. Am faigh sinn taic-airgid gus plana Gàidhlig a chur an gnìomh?Tha seo an crochadh air dè na feumalachdan a th' agaibh agus dè seòrsa maoineachaidh a th' aig a' Bhòrd aig an àm. Tha am Bòrd deònach taic-airgid a thoirt seachad do bhuidhnean a tha a' cur an gnìomh planaichean Gàidhlig nuair a tha e freagarrach. Tha am Bòrd cuideachd a' sùileachadh gun cosg na buidhnean poblach fhèin airgead air na planaichean aca. Tha buidseat aig Bòrd na Gàidhlig airson a bhith a' cur an gnìomh planaichean Gàidhlig. Dè th' ann an deagh eadar-theangachadh?Tha barrachd is aon fhreagairt air a' cheist seo, oir tha diofar eadar-theangairean a' leantainn diofar fheallsanachdan a thaobh mar a nì iad eadar-theangachadh. Tha Bòrd na Gàidhlig a' moladh gun lean daoine riaghailtean GOC 2 agus tha liosta de dh'eadar-theangairean clàraichte aig Bòrd na Gàidhlig. Ann an co-bhuinn ri Fosglan, tha sinn an dòchas sgeama-dearbhaidh a chur air bhog airson eadar-theangairean agus an uair sin dh'fhaodadh daoine a bhith cinnteach às comasan eadar-theangairean ma tha aon de na teisteanasan seo aca. Càite am faigh mi neach-teagaisg?Tha liosta de dhaoine agus àiteachan a tha a' tabhainn chùrsaichean Gàidhlig aig Clì Gàidhlig, agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig no ag ionnsachadh sa Ghàidhlig fo Fhoghlam Gàidhlig. Cò na buidhnean aig a bheil Planaichean Gàidhlig?Tha liosta de chuid de na h-eisimpleirean as fheàrr ri fhaotainn fo Sàr Eisimpleirean. Tha liosta nam buidheann air fad aig a bheil plana Gàidhlig ri fhaotainn fo planaichean Gaidhlig. Càite am faigh mi liosta de chompanaidhean aig a bheil eòlas air dealbhadh dà-chànanach?Tha eòlas air dealbhadh dà-chànanach aig na companaidhean a leanas: |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |