Dealbhadh is Margaideachd
Margaideachd
Air feadh na h-Eòrpa tha barrachd is barrachd chompanaidhean agus bhuidhnean a' cleachdadh mhion-chànanan sa mhargaideachd aca 's iad a' faicinn an fheum a nì e.
Thathar ag aithneachadh nam buannachdan coimeirsealta a tha an lùib a bhith dèanamh margaideachd do luchd-labhairt mhion-chànanan agus tha seo fìor cuideachd ann an Alba. Tha cuid a chompanaidhean is bhuidhnean mothachail air an fheum a nì oidhirp gus beagan aithne a thoirt dhan Ghàidhlig, agus an deagh dhàimh a chruthaicheas na h-oidhirpean seo le muinntir na Gàidhlig.
Tha cuid a chompanaidhean is bhuidhnean a' cleachdadh shoidhnichean dà-chànanach agus tha cuid eile a' cur Gàidhlig air an ainm aca fhèin. Tha cuid a' feuchainn ri àrainneachd dhà-chànanach a chruthachadh san obair aca no sna seirbheisean aca tro dhiofar iomairtean.
A bharrachd air companaidhean is diofar bhuidhnean, tha pròiseactan coimhearsnachd a' dèanamh feum dhen Ghàidhlig nan cuid obrach sa mhargaideachd aca. A-rithist the seo cudromach agus feumail do dh'ìomhaigh a' chànain.
Dealbhadh
Tha dealbhadh a cheart cho cudromach ri margaideachd ann a bhith cruthachadh deagh ìomhaigh a thaobh na Gàidhlig agus tha am Bòrd a' moladh càileachd ann an dealbhadh Gàidhlig no dealbhadh dà-chànanach. Sa chiad dol a-mach a thaobh a' chànain fhèin, bu chòir eadar-theangairean no luchd-sgrìobhaidh a chleachdadh a tha air na comasan aca a dhearbhadh mar luchd-proifeiseanta san dreuchd aca. Cuideachd ma chleachdas sibh luchd-dealbhaidh aig a bheil Gàidhlig, bidh an obair nas fhasa agus cha bhi e cho buailteach gum bi mearachdan ann.
Ann a bhith dealbhadh stuthan foillsichte sa Ghàidhlig no dà-chànanach feumaidh mothachadh a bhith air rudan sònraichte mun Ghàidhlig mar stràcan air cuid a litrichean agus asgairean (agus chan e cromagan turrach) a tha dol air thoiseach air cuid a dh'fhaclan. Cuideachd feumaidh mothachadh a bhith air cò ris a tha an dà chànan coltach air an duilleig ma thèid diofar chlò a chleachdadh, mar eisimpleir, dh'fhaodadh nach bi aon de na cànanan cho soilleir ris an fhear eile. Tha diofar fheumalachdan ann a rèir dè seòrsa dealbhaidh a th' ann, ach mar as trice tha dòigh ann an aon spèis a thoirt dhan dà chànan agus tha Bòrd na Gàidhlig ro dheònach comhairle a thoirt seachad air ciamar a ghabhas seo a dhèanamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu mhargaideachd sa Ghàidhlig leigibh fios do margaideachd@bng.org.uk

