Soighne/Sign

Eadar-theangachadh, Eadar-mhìneachadh is Luchd-oideachaidh

Eadar-theangachadh

'S e an dòigh as fheàrr, ma ghabhas e a dhèanamh, stuthan agaibh a sgrìobhadh sa Ghàidhlig an toiseach ma tha iad a' dol a nochdadh sa Ghàidhlig; ach tha fhios aig Bòrd na Gàidhlig gu tric gur e eadar-theangachadh a tha dhìth air cuid a bhuidhnean airson fiosrachadh is stuthan a sgaoileadh gu dà-chànanach.

Ma tha eadar-theangachadh a dhìth oirbh bu chòir dhuibh cuideigin proifeiseanta fhaighinn a tha air na sgilean aca a dhearbhadh, oir 's e sgil shònraichte a th' ann agus cha bhiodh buidheann ag iarraidh mhearachdan san stuth fhoillsichte aca. Tha Bòrd na Gàidhlig a' moladh sa chumantas gum bu chòir eadar-theangairean riaghailtean GOC 2 (Gnàthasan Litreachaidh na Gàidhlig, 2005) a leantainn agus tha sinn cuideachd a' feuchainn ri càileachd a bhrosnachadh san roinn seo. Tha sinn an dòchas gum bi teisteanas sònraichte ann ri ùine a bhios na dhearbhadh air comasan dhaoine. Tha a' bhuidheann sheirbheisean cultarail Fosglan, a tha stèidhichte ann an Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas, ag obair ann an co-bhuinn ri Bòrd na Gàidhlig gus seo a sholarachadh. Tha iad cuideachd air liosta de dh'eadar-theangairean a chur air dòigh.

Eadar-mhìneachadh

Air sgàth an leudachaidh ann an cleachdadh na Gàidhlig am measg bhuidhnean, tha barrachd iarrtais air eadar-mhìneachadh ann. A-rithist 's e sgil shònraichte a th' ann agus tha Bòrd na Gàidhlig agus Fosglan air a bhith ag obair còmhla gus liosta de dhaoine comasach a chruthachadh ris am faod buidhnean coimhead. Tha uidheamachd aig Comunn na Gàidhlig.

Tha eadar-mhìneachadh a' ciallachadh gum faod an aon mheas a bhith air gach cànan aig coinneamhan is tachartasan eile, agus tha e a' ciallachadh gum bi cothrom air a' Ghàidhlig anns a h-uile suidheachadh nar beatha phoblach.

Luchd-Oideachaidh

Tha luchd-teagaisg Gàidhlig a dhìth air cuid a bhuidhnean, no air luchd-obrach is buill bhuidhnean, 's na buidhnean is daoine seo ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh. Chithear fiosrachadh mu chothroman ionnsachaidh do dh'inbhich fo Ionnsachadh mar Inbheach agus san earrainn Foghlam Gàidhlig. Gu h-ìosal chithear liosta de cheanglaichean feumail a thaobh a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig:

Clì Gàidhlig

Colaisde a' Chaisteil

Colaiste Inbhir Nis

Colaiste Stow

Comunn na Gàidhlig

Ionadan Ionnsachaidh UHI

Learndirect ann an Alba

Sabhal Mòr Ostaig

SQA