Planaichean Gàidhlig
Fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, 's ann air Bòrd na Gàidhlig a tha an t-uallach airson comharrachadh ùghdarrasan poblach a dh'fheumas Planaichean Gàidhlig a dheasachadh. Tha na buidhnean sin riatanach do bheatha phoblach na h-Alba, agus tha prìomh àite aca ann an leasachadh na Gàidhlig. Aig an àm seo tha sia ùghdarrasan poblach a' deasachadh Planaichean Gàidhlig agus thathar an dùil gun iarrar air sia eile a dh'aithghearr a thòiseachadh ag ullachadh nam planaichean acasan.
'S iad a' chiad sia buidhnean: Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar. Tha na Planaichan Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàdheal & Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar air aonta foirmeil fhaighinn bhon Bhòrd.
Bidh na Planaichean seo a' togail air rùintean a' Phlana Nàiseanta, agus bheir iad cothrom nas trice do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig air cuid de sheirbheisean poblach anns a' chànan a thaghas iad. Thathar a' sùileachadh cuideachd gum bi ùghdarrasan a tha ag ullachadh planaichean a' brosnachadh daoine gus Gàidhlig a chleachdadh nuair a bhios iad a' dèiligeadh riutha, agus gum bi iad a' leudachadh seirbheisean agus goireasan Gàidhlig na buidhne aca.
'S e pàipear oifigeil a tha anns an Stiùireadh seo agus tha e a' treòrachadh buidhnean poblach mun dòigh as fheàrr Planaichean Gàidhlig a dheasachadh.
Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig
Chaidh maoin shònraichte gus buidhnean poblach a chuideachadh ann an cur phròiseactan Gàidhlig an gnìomh fhosgladh le Bòrd na Gàidhlig air 20 Ògmhios 2008.
Seo an treas bliadhna a tha GLAIF air a bhith san obair. Thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad chuir 18 de bhuidhnean poblach tagraidhean soirbheachail a-steach dhan mhaoin airson raon de phròiseactan luach £2.5 millean.
Tha GLAIF sa chiad àite ann mar mheadhan air taic a chur ri cur an gnìomh nam Planaichean Gàidhlig a tha air an deasachadh leis na h-ùghdarrasan poblach fo fhrèam Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Bidh a’ mhaoin air a cleachdadh airson taic a chur ri tionnsgnaidhean a leasaicheas comas nam buidhnean poblach gus am Planaichean Gàidhlig a lìbhrigeadh, agus cuidichidh e le raon de dh’obraichean ann an Gàidhlig; gach nì bho ionnsachadh cànain dhan luchd-obrach gu seirbheisean eadar-theangachaidh.
Feumar iarrtasan a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig ro 31 Iuchar 2008.

